
Tha luchd-LGBT ann am Bahrain a’ togail casaid an-aghaidh an riaghaltas san dùthaich as dèidh dhaibh bacadh a chur air lìn-sòisealta LGBT.
Tha làraichean-lìn sòisealta, a leithid Gaydar, gu math measail a-measg luchd-LGBT san dùthaich air sgàth ’s gu bheil iad a’ toirt dòigh sàbhailteach dhan choimhearsnachd LGBT a bhith coinneachadh ri chèile.
Tha mòran a-nis dhen bheachd gum bi iad ann an cunnart air sgàth ’s gum bi aca ri coinneachadh ann am poblach, far a bhios iad ri fhaicinn leis na teaghlaichean aca, na h-ùghdarrasan agus daoine eile a tha an-aghaidh co-sheòrsachd.
Chan eil mòran a' dol an seo! Nach toir thu beachd?