Naidheachdan as ùire:
Gearanan a’ cur bacadh air ministear gèidh

Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear gèidh ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.

Tha am Press and Journal ag ràdh gun deach an t-Ùrr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Queen’s Cross san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dòigh-bheatha aige.

Tha an t-Ùrr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd-Eaglais Brechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.

A-nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co-dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.

Sgeulachdan Co-cheangailte



  1. [...] Gearanan a’ cur bacadh air ministear gèidh [...]


Spam Protection by WP-SpamFree


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes

Naidheachdan Pinc is Digg proof thanks to caching by WP Super Cache