Thèid coinneamh a chumail gus deasbad ma bhios ministear gèidh ann an Obair Dheathain comasach air obair airson an eaglais.
Tha am Press and Journal ag ràdh gun deach an t-Ùrr. Scott Rennie a chur an dreuchd aig Eaglais Queen’s Cross san Fhaoilleach le bhòt 60 gu 24 ach gu bheil 13 buill dhen eaglais air gearanan a dhèanamh mun dòigh-bheatha aige.
Tha an t-Ùrr. Rennie a’ fuireach anns a’ mhansa aig Àrd-Eaglais Brechin, far a bheil e ag obair, còmhla ris a bhràmair.
A-nis thèid coinneamh a chumail le comataidh air a dhèanamh suas le ministearan agus èildearan gus deasbad air na gearanan agus co-dhùnadh a dhèanamh air ma bhios an cuspair a’ dol air adhart dhan Seanadh sa Chèitean.
[...] Gearanan a’ cur bacadh air ministear gèidh [...]