Naidheachdan as ùire:
Casg air ministearan gèidh ùra fad dà bhliadhna

Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan gèidh ùra fad dà bhliadhna.

Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh dìreach dà latha as dèidh don Àrd-sheanadh bhòtadh 326-267 gus cead a thoirt ris an t-Ùrr. Scott Rennie a bhith na mhinister aig Eaglais Chrois na Banrighinn ann an Obar Dheathain, ged a tha e a’ fuireach le companach fireann.

Thèid coimisean àraidh stèidichte gus a’ chuspair deasbad agus aithisg a dhèanamh ann an 2011.

Chaidh casg a chur air buill an eaglais bhon a bhith a’ bruidhinn air a’ chùis ris na meadhanan.

Sgeulachdan Co-cheangailte



  1. Mise air Tuesday 26, 2009

    Feumaidh iad smaoineachadh agus ùrnaigh a dhèanamh mu dheidhinn seo. Cha bu chòir do chuideigin a tha aig feise sam bith, nach eil maille ri a bhean, obair soisgeulach anns an eaglais a dhèanamh. Ciamar a bhruidhineas cuideigin air Dia nuair nach eil e a’ dèanamh strì an aghaidh peacaidhean?


Spam Protection by WP-SpamFree


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes

Naidheachdan Pinc is Digg proof thanks to caching by WP Super Cache