Naidheachdan as ùire:

Tha an carthannas fiaclach as motha anns an Rìochadh Aonaichte airson fìr a thoirt a-steach dhan phrògram a bhios a’ toirt a-mach banachdaich an aghaidh an tinneas feise HPV (Human papillomavirus) gus bacadh a chur air aillse beòil.

Tha a’ BhDHF (British Dental Health Foundation) ag ràdh gu bheil iad airson a’ phrògram seo mheudachadh air sgàth ’s aithisg a thàinig a-mach anns na Stàitean Aonaichte a’ sealltainn gu bheil 46,000 cùisean ùr air nochdadh.

A rèir na figearan tha an àireamh de cùisean marbhtach air àrdachadh le trian anns an trìthead bliadhna mu dheireadh agus tha iad a-nis aig an ìre as àirde ’s a bha iad riamh.

Tha Bòrd na Slàinte air aontachadh mar thà ri banachdaich a thoirt a-mach gu nigheannan eadar 12-13 bliadhna a dh’aois a’ tòiseachadh san t-Sultain ‘08 gus bachadh a chur air aillse “cervical” a tha air adhbharachadh le HPV.

Thuirt Dr Nigel Carter, àrd-oifigear an stèidheachd:

“Tha e ionmholta gu bheil an Riaghaltas a’ dèanamh ceumannan cho math airson an àireamh de chùisean aillse “cervical” ìsleachadh ach air sgàth ’s gu bheil aillse beòil air adhbharachadh le HPV a’ marbhadh barrachd daoine ’s a tha aillse “cervical” agus aillse “testicular” le chèile, tha e sòilleir gu bheil an tinneas seo feumach air freagairt.”

“Le bhith a’ leasachadh a’ phrògram HPV gus balaich a thoirt a-steach, bhiodh an Riaghaltas comasach air an àireamh de cùisean marbhtach ìsleachadh ann an dòigh sìmplidh, ceart agus eifeachdach.”

“Air sgàth ’s gu bheil oigridh san latha an-diugh a’ fàs nas eòlaiche a-thaobh feise, cha bhi an trioplaid seo a’ dol air falbh.”

Thèid duine a mharbhadh a h-uile còig uairean air sgàth ’s aillse beòil agus tha e nas cumanta a-measg fìr ’s a tha e a-measg boireannaich.

Sgeulachdan Co-cheangailte

  • Duilich ach chan eil sgeulachdan co-cheangailte ann!


  1. Chan eil mòran a' dol an seo! Nach toir thu beachd?



Spam Protection by WP-SpamFree


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes

Naidheachdan Pinc is Digg proof thanks to caching by WP Super Cache