Tha an Eaglais Chaitligeach ann an Alba air ionnsaigh a thoirt air co-ghnèithich agus leasbaich a-rithist.
“Tha an t-uamhas de fhianais ann a tha a’ sealltainn gu bheil càirdeis aona-ghnèitheach neo-sheasmhach gu dualach agus gun tèid dùil-bheatha nan daoine a tha an sàs ìsleachadh,” arsa neach-labhairt an eaglais, Peter Kearney.
Bha Mgr. Kearney a’ toirt iomradh air cùis-lagha dithis clann a chaidh an uchd-mhacachadh le càraid co-ghnèitheach as dèidh don Ùghdarrasan Dùn Èideann ràdh gun robh na seanpharantan aca ro shean airson a dhèanamh.
Thuir Mgr. Kearney dhan Daily Mail:
” ‘S e co-dhùnadh lèirsgriosail a tha seo aig a bhios buaidh mhòr air sochair a’ chlann.”
“Tha dleastanas aig buidhnean uchd-mhacachaidh Caitligeach a bhith coma ma bhios clann air an cur fo churam càraid pòsta neo càraid co-sheòrsach; tha seo fada fada ceàrr,” ars an eaglais aig Co-labhairt nan Easbaigean san Dàmhair.
“Feumaidh poileasaidhean teaghlaichean seasmhach a bhrosnachadh.”
Chan eil mòran a' dol an seo! Nach toir thu beachd?