Tha Àrd-chuirt Iowa air bhòtadh gus pòsadh-gèidh a dhèanamh laghail anns an stàit.
Mar phàirt dhen co-dhùnadh aon-ghuthach, thuirt na britheamahan: “Tha reachd Iowa a tha a’ cumail pòsadh catharra airson aonaidhean eadar boireannach agus fireannach a’ dol an-aghaidh a’ chuma airson co-ionannachd a tha ann an Bun-reachd Iowa.
Chaidh a’ chùis a thoirt dhan chùirt anns an Dùbhlachd 2005 air sgàth ’s sia càraidean aon-ghnèitheach a thug Timothy Brien, Clàraich Siorrachd Polk, gu lagh air sgàth ’s nach dh’fhuair iad cead-pòsaidh bhon oifis aige.
Thug iad ionnsaigh air laghan na stàite a thuirt gun robh pòsadh a’ ciallachadh aonaidhean eadar boireannach agus fireannach a-mhàin.
Anns an Lùnastal 2007 thuirt cùirt na sgìre gun robh e a’ dol an-aghaidh a’ bhùn-reachd a bhith a’ cur casg air càraidean aona-ghnèitheach bhon a bhith a’ pòsadh.
Anns a’ Mhàrt 2008, chaidh 15 friend-of-the-court briefs a chlàradh a bha a’ toirt taic ri càraidean aona-ghnèitheach a bha airson pòsadh, agus airson còirichean na clann aca.
Ghabh ceud de Iowanaich ris na briefs sin a’ toirt a-steach dithis seann Lietenant Governors Joy Corning agus Sally Pederson.
Tha Iowa a-nis na ciad stàit ann an iar-mheadhan na Stàitean Aonaichte far a bheil pòsadh-gèidh ceadaichte agus chan eil ach dà stàit eile anns na Stàitean gu lèir fair a bheil e ceadaichte.
Chan eil mòran a' dol an seo! Nach toir thu beachd?