Na bliadhnaichean ri teachd mì-chinnteach airson co-ghnèitheach Iaranach

Rùnaire na Dùthaich

Tha Medhi Kazemi air tilleadh ris an Rìoghachd Aonaichte.

Tha Mgr Kazemi air a bhith a’ fuireach ann an Ionad-sàis anns an Òlaind an dèidh tèarmann poileataigeach sìreadh air sgàth ’s gun robh an Rìoghachd Aonaichte a’ dol ga chur air ais gu Iaran far am biodh a bheatha ann an cunnart air sgàth ’s gu bheil e co-ghnèitheach.

Tha Mgr Kazemi a-nis a’ fuireach leis uncail fhad ’s tha Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte a’ dèanamh ath-sgrùdadh air an tagradh aige airson tèarmann poileataigeach.

Iaraineach co-ghnèitheach gu bhith a’ fuireach anns a’ Ghrèig

31/03/2008 14:09 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Siubhail

Bratach na Grèig

Tha gnìomhaichean LGBT anns a’ Ghrèig a’ dèanamh subhachas an dèidh don Riaghaltas tèarmann a thoirt ri Iaraineach co-ghnèitheach a bha gu bhith a’ fuadach a-mach.

Air ainmeachadh Alex gus a chumail sàbhailte air sgàth ’s gun robh e ga chur an grèim, ga bhualadh agus ga chur an cràdh air sgàth ’s gun robh e co-ghnèitheach.

Chaidh dà thagradh aige a dhiùltadh leis an Riaghaltas mar thà ach chaidh iomairt a stèideachadh leis a’ choimhearsnachd LGBT anns a’ Ghreig (GHC-EOK) gu Alax a shàbhladh.

Thuirt iad:

“Tha sinn toilichte ri ràdh gun deach tèarmann a thoirt ris an Iaraineach co-ghnèitheach Alex an dèidh ath-sgrùdadh an cùis-lagh aige.”

“Bu toigh leinn taing mhòr a thoirt ris na daoine a bha gar cuideachadh leis an iomairt.”

Ach tha iad ag ràdh ged a tha iad toilichte leis a’ cho-dhùnadh seo tha fhathast tòrr co-sheòrsaich eile air feadh an t-saoghal ann an èis.

Iosral a’ toirt bhìosa ri Palastaineach co-ghnèitheach

Bratach na h-Iosral

Tha Iosral air bhìosa a thoirt ri Palastaineach co-ghnèitheach air sgàth ’s gun robh e ann an cunnart anns a’ Bruach an Iar.

Tha an duine gun ainm an dùil ris a’ chompanach aige fhaichinn a-rithist ann an Tel Aviv.

Ach tha an IDF (Israeli Defence Forces) ag ràdh gur e bhìosa airson ùine ghoirid a th’ ann fhàd ’s a tha an Ministrealachd Taobh a-Staigh Iosralach a’ sgrùdadh na cùis-lagh aige agus ’s mar sin feumaidh e bhìosa ùr fhaighinn gach mìos gus an co-dhùnadh aca.

Tha co-sheòrsachd fhathast toirmeasgte anns na sgìrean Muslamach anns a’ Bhruach an Iar ach tha Iosral fada nas fosgailte ris.

Tha i ag aithneachadh pòsaidhean co-sheòrsach eadar-nàiseanta, tha iad a’ toirt cead ri companaich eadar-nàiseanta a bhith a’ fuireach leis na companaich Iosralach aca agus tha raon de laghan diofraichte a’ dìon a’ choimhearsnachd co-sheòrsach.

Reachd Ameireaganach ag ràdh gu bheil ainm pòsta co-ghnèitheach mì-laghail

Jason Hair-Wynn

Tha Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh nach urrainn gnìomhaiche AIDS cead-siubhail ùr fhaighinn air sgàth ’s gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail.

Fhuair Jason Hair-Wynn litir bho Roinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh gu bheil an ainm pòsta aige mì-laghail a-rèir DOMA (Federal Defence of Marriage Act) air sgàth ’s gur e pòsadh co-ghnèitheach a th’ ann.

Tha Hair-Wynn air an cead-dràibhidh agus na pàipearan Teàrainteach Shòisealta aig atharrachadh gun strì sam bith ach tha Ròinn Stàit nan Stàitean Aonaichte ag ràdh chan fhaigh e cead-siubhal mura h-eil e a’ cleachdadh an ainm ceart aige.

Iomairt Albannach ag amas air stad a chur air deugaire co-ghnèitheach fuadach a-mach

Rùnaire na Dùthaich

Chaidh iomairt a stèideachadh gus deugaire co-ghnèitheach, a tha gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte, a shabhaladh.

Tha JoJo Jako Yakob, 19, gu bhith a’ fuadach a-mach às an Rìoghachd Aonaichte air ais gu Siria, ach tha e ag ràdh gum biodh e a’ cur gu bàs nan robh e air ais anns an dùthaich.

Tha Yakob air a bhith fo chasaid o chionn 12 mhìos ann am Polmont Young Offenders, An Eaglais Bhreac air sgàth ’s gun robh e a’ cleachdadh cead-siubhal brèige fhad ’s a bha e a’ sìreadh tèarmann-poileataigeach.

A-nis tha an Save JoJo Campaign air a bhith a’ stèideachadh le buidhnean gnìomhaiche co-sheòrsach agus luchd-tagraidh còirichean daonna bho air feadh Alba leis an amas gum biodh Jakob comasach air fuireach ann an Alba.

Thuirt Rob McDowall, neach labhairt dhen bhuidheann Equal Rights Now:

“Tha an siostam in-imrich againn a’ failligeadh na daoine ann an èis agus a’ seachnadh na daoine a tha ann an droch chunnart.”

“Tha dleastanas againn a bhith a’ toirt cùram ris na daoine a’ tighinn dhan Rìoghachd Aonaichte , tha dleastanas againn a bhith a’ sgrùdadh na tha dhìth orra agus a bhith gan làimhseachadh le spèis agus urram agus an rud as cudromaiche a bhith a’ dèanamh cinnteach nach bi sinn gan fuadach a-mach ri dùthchannan far am biodh iad a’ cur ann an cràdh neo a’ cur gu bàs.

Tha luchd-iomairt ag iarraidh daoine a chur litir ris na Buill Pàrlamaid aca neo gu Jacqul Smith, Rùnaire na Dùthcha, gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air cùis-lagha Mgr Yakob.

Bidh luchd-iomairt cuideachd a’ coiteachadh a’ Phàrlamaid ann an Dùn Èideann, an Ambasaid Siriannach ann an Lunnainn agus a’ chùirt far am bi Yakob ag ionnsachadh dè bhios a’ tachairt ris 7mh den Chèitean.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn, tadhalaibh air http://www.savejojo.net/.

Nas ùire »