Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air luchd-LGBT

Tha bhiocair anns an Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air luchd-LGBT.

Sgrìobh an t-Urr. Peter Mullen:

“Bu chòir do dhleastanas a bhith aig co-sheòrsaich tatù fhaighinn air an tònan ag ràdh SODOMY CAN SERIOUSLY DAMAGE YOUR HEALTH agus tatù eile air an smigean ag ràdh FELLATIO KILLS.

Tha na blògaichean air a bhith a’ sguabadh às a-nis.

“Ged a tha sinn dhen bheachd gum bu chòir do shaorsa làbhairt a bhith aig clèir, tha fios againn gu bheil seo oilbheumach agus chan e seo idir idir beachd a th’ aig Sgìr-easbaig Lunainn,” arsa neach-labhairt an Eaglais.

Oileanaich an sas ann an iomairt airson còirichean daonna

Bidh an Iomairt NUS LGBT agus Gay Rights Uganda a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Uganda nach eil a’ cur stad air geur-leanmhainn agus cràdh an luchd-LGBT san dùthaich.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha Riaghaltas Uganda air gealladh gus laghan nas cruaidhe a chur air chois an-aghaidh luchd-LGBT air sgàth ’s gu bheil an tinneas “co-sheòrsachd” air sgaoileadh air feadh Afraga.

Bidh iad cuideachd a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Bhreatainn agus an dòigh sa bhios i a’ làimhseachadh luchd-LGBT a tha air tighinn do Bhreatainn airson teàrmann.

Bidh iad a’ cruthachadh aig Taigh Uganda, Ceàrnag Trafalgar 12f a-maireach, Latha Saorsa Uganda.

Deuchainnean HIV saor an-asgaidh taobh a-staigh 15 mionaid

Sorted Soho

Tha clionag ann an meadhan a’ choimhearsnachd LGBT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do co-ghnèithich saor an-asgaidh agus taobh a-staigh 15 mionaid.

A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an-aghaidh Hepatitis B.

A-rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon co-ghnèithich anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.

A-thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.

Tha an HPA (Health Protection Agency) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co-ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co-dhiù gach bliadhna.

Tha an seirbheisean ri fhaoitinn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.

Pride London air iris ùr fhoillseachadh

Iris Pride London

Tha Pride London air iris ùr fhoillseachadh an còis an càismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine gan tarraing ris an tachartas am-bliadhna.

Thuirt Emma Hands, Iar-chathraiche Pride London, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.

“Tha i a’ solarachadh teachd-a-steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”

Thèid an iris sgaoileadh saor an-asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.

Bile nan Eucoirean Gràineil air a dhèanamh laghail leis a’ Phàrlamaid

Pàrlamaid

Tha Taigh nam Morairean air the Criminal Justice and Immigration Bill a dhèanamh a’ ciallachadh gum bi eucoirean gràineil an-aghaidh luchd-LGBT air sgàth ’s an taobhadh aca a-thaobh feise mì-laghail.

A dh’aindeoin seo tha fhathast atharrachaidhean anns a’ bhile a tha a’ dìon eucoraich air sgàth ’s saorsa labhairt neo an creideamh aca.

Tha na Tòraidhean air a bhith a’ cur cudrom air cùlaibh na h-atharrachaidhean seo, agus tha cuid dhiubh a leihid Lord Tebbit air a bhith an còmhnaidh an-aghaidh còraichean LGBT.

Thuirt Ben Summerskill, Àrd-ofigear Stonewall gu bheil an lagh ùr na cheum mhòr airson co-ionannachd laghail ach gun robh uallach air gu bheil tòrr luchd-poileataigs fhathast an-aghaidh co-ionannachd.

Nas ùire »