Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General
23/12/2008 12:57 le Alasdair Justice
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
19mh den Dùbhlachd - Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-Chuirt California an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas abhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’abhaist a bhith na riaghaladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas laidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.
Bidh an neach-lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd-Chuirt California mar riochdaire nam buidheann a chuir a’ Phroposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean-lagha an aghaidh Ceann-Suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an-diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.
An e “ath-sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ann?
‘Sann do bun-reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an-dràsta. Chan urrainn do Àrd-Chuirt bun-reachd a chur às. Ciamar am b’urrainn do luchd-dùbhlain a thoirt cùis-lagha na h-aghaidh? Seo cnac a’ chuis: tha clàs dìon còraichean co-ionnan aig Bun-reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath-sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun-reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a-mhàin parlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’urrainn ath-sgrùdadh bun-reachdail a chur air beulaibh an t-sluagh, agus feumar a bhith mòr-chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath-chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr-chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd-dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chuis, ag iarraidh gum breith an Àrd-Chuirt gur e ath-sgrùdadh mòr a th’ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontachas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bi.
Tha bhidio ùr air nochdadh an aghaidh Tairgse 8 California
07/12/2008 00:11 le Nathan Gray
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
Chaidh bhidio ùr a chur air làrach-lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Tairgse 8 California, a rèir an AP. B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl fiolm ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh-chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.
Tha Tairgse 8 air a h-aontachadh le luchd-bhòtadh ann an California an 4 dhen Samhain. Chuir i pòsadh nan daoine co-ghnèitheach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar-thà ann an California, an deidh co-dhùnadh Àrd-Chuairt na Stàite anns a’ Chèitean sa chaidh. Thuirt an co-dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co-ghnèitheach fo bhun-reachd na stàite.
Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgàradh-pòsaidh) nan daoine co-ghnèitheach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach—an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.
Cha tèid planaichean airson Àrd-sgoil LGBT ann an Chicago air adhart
26/11/2008 17:37 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Foghlaim, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs

Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air ràdh nach tèid planaichean airson àrd-sgoil LGBT fhosgladh anns a’ bhaile air adhart.
Thathar ag ràdh nach tèid na planaichean air adhart air sgàth ’s gu bheil luchd-dùbhlain airson sgoil fosgladh a-mach gu mion-chuidean eile seach a bhith airson luchd-LGBT a-mhàin.
“Bha iad (Ùghdarrasan an Sgìre) airson dèanamh cinnteach gu biodh an sgeama fosgladh a-mach ri clann eile a tha air an iomall air sgàth ’s adhbharan a leithid creideamh, cuideam agus eile,” arsa neach-labhairt Michael Vaughn
Thuirt na luchd-taice nach robh iad airson na planaichean a dhol air adhart a-nis air sgàth ’s gun robh iad air “watered down” agus nach eil robh iad a’ co-fhreagairt na h-amasan a bh’ aca tuilleadh.
Dealbhan bho Los Angeles 15mh den t-Sultain
16/11/2008 13:52 le Alasdair Justice
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
Luchd-LGBT a’ togail casaid ann an California
14/11/2008 15:23 le Alasdair Justice
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs

Tha luchd-LGBT air a bhith a’ dèanamh mèarrsadh air sràidean air feadh California agus iad a’ togail casaid an dèidh buaidhe Proposition 8.
Tha na caismeachdan air a bhith sìtheil ged a bha iad deònach agus gun chead.
‘S e daoine àbhaisteach a tha gan cur air chois tro làraichean-lìn a leithid Facebook.
Bha iad a’ dèanamh mèarrsadh ann an dà chuid bailtean beaga agus bailtean mòra agus bha 20,000 daoine an sàs uile gu lèir.
Ann an Los Angeles, bha Teampall nan LDS (Mormanach) agus a’ Chathair-eaglais Chaitleagach cinn-siubhail nan caismeachdan.
Cuideachd aig deireadh na seachdaine, thuirt an Riaghladair Arnold Schwarzenegger gun robh e mì-fhortanach gun do bhuaidh Proposition 8, agus gun robh e dòchasach gum bi Àrd-Chuirt California ga cur às. Chuir Schwarzenegger fhèin bheto air pòsadh-LGBT nuair a bhòt Assembly na Staite air a shon.
Anns an LA Times an-diugh, tha leasbach dhubh a’ mìneachadh carson nach do chuir i taic laidir do “No on 8”: http://www.latimes.com/news/opinion/la-oe-cannick8-2008nov08,0,3295255.story. Bhòt 2/3 na daoine dubha airson Proposition 8.

