Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh
26/11/2008 18:13 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Creideamh, Fèisteas, Naidheachdan, Èirinn
Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.
Anns a’ bhiodio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-ghnèitheach, a’ nochdadh le actair seach le ban-actair.
Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.
Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachdsa, cha bu chòir do cùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”
B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-ghnèitheach ann am bhidio-ciùil.
Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:
Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad càad airson caismeachd a chumail san Rùis
08/10/2008 19:42 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Fèisteas, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs

Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Rùis, an dùil tagradh a chur a-steach gus càismeachd Pride a chumail sa bhaile.
Tha gnìomhaichean LGBT sa bhaile air cead fhaighinn mar thà gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghladair Oleg Betin an dèidh dha ràdh ann an agallamh:
“Tolerance?! To hell! Faggots should be torn apart. And their pieces should be thrown in the wind.”
‘S e seo a’ chiad tùras riamh gu bheil tachartas LGBT air cead fhaighinn san Rùis.
Tha iad airson a’ chàismeachd a chumail 18mh Dàmhair ‘08 ach tha Mèar Moscow air bacadh a chur air càismeachdan mar thà ann an 2006, 2007 agus 2008.
Tha ùghdarrasan beachdachadh an tagraidh.
Pride London air iris ùr fhoillseachadh
12/06/2008 13:57 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Rìoghachd Aonaichte, Fèisteas, Naidheachdan, Sasainn

Tha Pride London air iris ùr fhoillseachadh an còis an càismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine gan tarraing ris an tachartas am-bliadhna.
Thuirt Emma Hands, Iar-chathraiche Pride London, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.
“Tha i a’ solarachadh teachd-a-steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”
Thèid an iris sgaoileadh saor an-asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.
Pòsadh… ‘the Final Frontier’
21/05/2008 12:19 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Fèisteas, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan

Tha George Takei air fhoillseachadh air an làrach-lìn aige gu bheil e an dùil a chompanach, Brad Altman, phòsadh.
Tha iad nam measg iomadach càraidean LGBT, a leithid Ellen DeGeneres agus Portia de Rossi a tha airson pòsadh an dèidh dhan Àrd-chùirt pòsaidhean LGBT a dhèanamh làghail anns an stàit.
Tha Takei gu math ainmeil airson Hikaru Sulu a chuich ann an Star Trek agus airson Kaito Nakamura a chluich ann an Heroes. Tha e cuideachd na gnìomhaiche a tha an sàs ann agus ag obair airson iomadach buidhneann LGBT.
Sgrìobh Takei air an làrach-lìn aige gu bheil iad air a bhith a’ falbh le chèile o chionn 21 bliadhna agus iad uabhasach toilichte gu bheil iad gu bhith “pòsta agus nan luchd-àiteachaidh co-ionann nar stàit.”
Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair
30/04/2008 20:34 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, Ameireaga a Tuath, Eile, Fèisteas, Naidheachdan

Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.
Thachair an seirbheis dìomhair anns a’ Ghearran agus cha robh ach dithis eile an làthair, Elaine agus Georga Ponte.
Thug iad gealladh-pòsaidh dha chèile san Dùbhlachd nauir a bha iad ag obair air a’ phrògram t.bh. ùr aca, Home Heist.
“An dèidh bliadhna a’ fuireach ann an Toronto, a’ clàradh Home Heist, , bha e sòilleir dhuinn gun robh sinn airson pòsadh,” arsa Ryan. “Tha Canada na nàisean adhartach, fosgailte ri agus a’ cur fàilte air pòsadh LGBT, bha e brosnachail.”
An dèidh an seirbheis, dh’fhalbh iad airson mìos nam pòg anns a’ Chairibìan.

