Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh

26/11/2008 18:13 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Creideamh, Fèisteas, Naidheachdan, Èirinn

Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.

Anns a’ bhiodio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-ghnèitheach, a’ nochdadh le actair seach le ban-actair.

Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.

Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachdsa, cha bu chòir do cùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”

B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-ghnèitheach ann am bhidio-ciùil.

Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:

IHRC airson còirichean tar-ghnèitheach

02/10/2008 21:06 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Èirinn

Tha an IHRC (Coimisean Èireannach airson Còirichean Daonna) air ràdh gum bu chòir do laghan a bhith leasachadh a-thaobh tar-ghnèithich agus teisteanasan-breith.

Ann an 2008, thug Oireachtas, Pàrlamaid na h-Éirinn, cead ri tar-ghnèithich gus an gnè aca atharrachadh air an cead-siubhail aca. Ach fo laghan an latha chan fhaod tar-ghnèithich teisteanas ùr fhaighinn leis an gnè ùr aca.

A bharrachd air seo chan fhaod tar-ghnèithich pòsadh nuair a tha iad air an gnè aca atharrachadh.

Thuirt an Irish Times gu bheil an IHRC airson buidheann chruthachadh a bhios a’ toirt sùil air còirichean tar-ghnèitheach anns an dùthaich.

Bu chòir don bhuidheann seo, ars an IHRC, a bhith air a dhèanamh suas le buill an IHRC, buil an Ùghdarras Co-ionannachd agus tar-ghnèithich fhèin.

Thuirt Dr Maurice Manning, Ceann-suidhe an IHRC, gu bheil eisimpleir An Rìoghachd Aonaichte air buaidh mhòr a thoirt orra.

Companasan-catharra ann an Èirinn gu bhith a’ cumail a-mach còirichean airson pàrantan

03/04/2008 20:59 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Èirinn

Bratach na h-Èireann

Tha dùilean ann an Èirinn air a bhith brìseadh leis an Riaghaltas nach eil airson còirichean co-ionann a thoirt ri pàrantan LGBT mar phàirt de lagh ùr a bhios ag aithneachadh companasan-catharra.

Thuirt Grainne Healy a tha ag obair airson buidheann co-ionannachd MarriagEquality:

“Ged a bhios fàilte air leasachadh sam bith anns a’ chuspair seo, tha dragh oirnn a-nis gum bi an naidheachdan seo a’ ciallachadh nach bi a’ choimhearsnachd LGBT a’ faighinn còirichean co-ionann.”

“Cha toir sinn breith air an sgeam gus am faigh sinn cothrom mìon-sgrùdadh a dhèanamh air gus am faic sinn dè na planaichean a tha aig an Riaghaltas.”

“Ach tha sinn làn-chinnteach nach bi co-sheòrsaich a’ faighinn co-ionannachd gus am faigh iad cead a bhith a’ pòsadh ann an oifis-clàraidh.”

Bidh Riaghaltas na h-Èirinn a’ foillseachadh na planaicheachan aca airson Bile Companasan-catharra an ath seachdain.

Thathar an dùil gum bi na planaichean seo a’ toirt a-steach rudan mar peinnseanan, tèarainteachd shòisealta, còirichean cuid, cìs, tiomnaidh agus sochairean.

Bàrd Èireannach a’ bruidhinn ann an agallamh air amharrais gun do ghabh e brath air balaich ann an Nepal

02/04/2008 11:49 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Èirinn

Cathal Ó Searcaigh

Tha bàrd Èireannach, a tha fo amharas gun do ghabh e brath air balaich ann an Nepal, air agallamh a dhèanamh.

A’ bruidhinn air Raidio na Gaeltachta ann an Èirinn, thuirt Cathal Ó Searcaigh gun robh e na fhulangaiche de film aithriseach taobhach ach thuirt e gun robh e a’ falbh le cuid dhe na h-oileanaich aige.

“Tha mi a’ nochdadh mar dhaoine dhiabhlaidh ach chan eil mi a’ smaointinn gu bheil mi mar seo idir.”

“Tha an taigh-osta agam ann an Nepal coltach ris an taigh agam. Tha an doras agam fosgailte.”

“Bha iad a’ tighinn mar càirdean. Cha robh iad a’ tighinn airson feise. Cha do ghabh mi brath orra.”

Taic do phòsaidhean LGBT a’ fàs nas làidire ann an Èirinn

31/03/2008 14:25 le Crìstean MacMhìcheil  
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Èirinn

Bratach na h-Èireann

Fhad ’s a tha gnìomhaichean LGBT ann an Èirinn a’ feitheamh ri chluinntinn molaidhean an Riaghaltas air càraidean LGBT aithneachadh, tha cunntas-bheachd ùr a’ sealltainn gu bheil a’ mhòr-chuid ann an Èirinn air a shon.

Chaidh an cunntas-bheachd fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn co-ionannachd MarraigEquality agus tha na toraidhean a’ sealltainn gu bheil 84% airson pòsaidhean LGBT neo companasan-catharra.

Ach tha an Riaghaltas air pòsaidhean LGBT dhiùltadh mar thà air sgàth ’s gum biodh feum aca air a’ bhun-reachd atharrachadh.

Thathar an dùil gum bi Brian Lenihan, Ministear Ceartais a’ foillseachadh molaidhean a-thaobh companasan-catharra a dh’aithghearr.

Thathar a’ tuigsinn gum bi Èirinn ag aithneachadh pòsaidhean LGBT, aonaidhean-catharra agus companasan-catharra nan dùthchannan cèin.

Nas ùire »