Carthanas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean
25/07/2008 19:31 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Eilean Mhanainn, Naidheachdan, Slàinte, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath
Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dublachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh leis an HPA (Health Protection Agency).
An-uiridh dh’ionnsaich 251 balaich gun robh HIV orra an taca ri 128 ann an 1998.
San Rìoghachd Aonaichte tha HIV air aon balach anns gach fichead agus ann an Lunnainn tha i air aon anns gach deich.
Air sgàth ’s na figearan seo tha an t-Urras Nàiseanta AIDS (NAT) a-nis ag ràdh gum bu chòir do chlann ionnsachadh mu feise agus càirdeis co-sheòrsach sna sgoiltean.
Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear NAT gu bheil foghlam fèise a’ failligeadh balaich co-sheòrsaich agus tha seo follaiseach anns na h-àireamhan de bhalaich air a bheil HIV.
Eilean Mhanainn air dreachd bhile a dhèanamh gus còirichean co-ionann a thoirt ri tar-ghnèithich
21/04/2008 15:39 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Eilean Mhanainn, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs

Tha Eilean Mhanainn air dreachd bhile fhoillseachadh a bhios ag aithneachadh tar-ghnèithich.
A-rèir The Gender Recognition Bill 2008 thèid còirichean co-ionann a thoirt ri daoine a tha air an gnè atharrachadh agus aig a bheil Teisteanas Gender Recognition.
Tha an dreachd bhile air fhoillseachadh leis an Riaghaltas agus chaidh ga stèideachadh air The Gender Recognition Act 2004 a chaidh a chur an gnìomh leis an Rìoghachd Aonaichte.
Thuirt Ard-choylargh (Àrd Ministear) Tony Brown:
“A-rèir laghan Eòrpach tha dleastanas eadar-nàiseanta aig an t-Eilean Mhanainn a bhith ag aithneachadh tar-ghnèithich agus an gnè ùr aca.”
“A-nis bu toigh leam cothrom a thoirt ris a’ phoblach a bhith a’ toirt na beachdan aca ris an Tinvaal (a’ Phàrlamaid).”
Faodaidh sibh an dreachd leughadh aig http://www.gov.im/.


