Twitter & Pownce
09/05/2008 09:02 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Eile, Naidheachdan
Ma tha sibh airson fios fhaighinn nuair a tha sgeulachdan ùr againn carson nach tadhal sibh air Twitter neo Pownce far am bidh na cinn-naidheachd as ùire a’ nochdadh.
“Homosexuality” 140 bliadhna a dh’aois
08/05/2008 17:56 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Eile, Naidheachdan
B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.
Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsachd. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còraichean LGBT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.
B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:
Urning: “male bodies person with a female psyche” aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.
Urningin: “female bodied person with a male psyche” aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.
Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.

Ach ann an 1868 chruthaich facal ùr air a shon, Homosexualität bhon facal Greugach homo- (same) agus am facal Laideannach sexualis (sex). Chleachd Kertbeny am facal seo airson a’ chiad tùras ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh den Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.

Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus anns na h-òraidean aige.
Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930′an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.
Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thoidhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LGBT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile tùras ’s a bhios fèis LGBT ann am Budapest.

Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair
30/04/2008 20:34 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, Ameireaga a Tuath, Eile, Fèisteas, Naidheachdan

Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.
Thachair an seirbheis dìomhair anns a’ Ghearran agus cha robh ach dithis eile an làthair, Elaine agus Georga Ponte.
Thug iad gealladh-pòsaidh dha chèile san Dùbhlachd nauir a bha iad ag obair air a’ phrògram t.bh. ùr aca, Home Heist.
“An dèidh bliadhna a’ fuireach ann an Toronto, a’ clàradh Home Heist, , bha e sòilleir dhuinn gun robh sinn airson pòsadh,” arsa Ryan. “Tha Canada na nàisean adhartach, fosgailte ri agus a’ cur fàilte air pòsadh LGBT, bha e brosnachail.”
An dèidh an seirbheis, dh’fhalbh iad airson mìos nam pòg anns a’ Chairibìan.
Oileanaich air feadh nan Stàitean Aonaichte nan tost
25/04/2008 12:22 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Eile, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs, Sasainn

Bidh mìltean de dh’oileanaich nan tost anns na Stàitean Aonaichte an-diugh gus gràin nan co-sheòrsach ann an sgoiltean shoillseachadh.
Thathar an dùil gum bi 500,000 oileanaich agus còrr ’s 6,000 sgoiltean a’ gabhail pàirt anns an tachartas a chiadh ga chur an gnìomh le GLSEN (Gay, Lesbian and Straight Education Network).
Bidh oileanaich aig Oilthigh Sussex anns an Rìoghachd Aonaichte nan tost cuideachd air sgàth ’s gu bheil oileanaich Ameireaganach ann.
Bidh an tachartas a’ tòiseachadh 9m agus bidh sreirbheis Breaking the Silence 5f nuair an sgreuch a h-uile duine aig an aon àm agus bidh cothrom aca a chur am faireachdainnean an cèill.
Co-ghnèithich air an cur gu deuchainnean HIV le buidhnean àrachais
23/04/2008 19:33 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Eile, Lagh, Naidheachdan, Slàinte

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh le Compass IFA, buidheann a tha a’ toirt comhairle do co-sheòrsaich a-thaobh ionmhais, a tha a’ sealltainn gu bheil na buidhnean àrachais Legal & General agus AEGON fhathast a’ cur co-ghnèithich gu deuchainnean HIV mus faigh iad àrachas slàinte.
Ach thuirt Lesley MacPherson, Ceannard nam Meadhannan Corporra aig AEGON:
“Tha iongnadh orinn mu dheidhinn na toraidhaidhean seo agus ’s e briseadh-dùil a th’ ann. Bidh sinn a’ toirt treanadh a bharrachd ris ar luchd-obrach gus am bi iad eòlach air riaghailtean an deuchainn HIV agus na poileasaidh againn gus nach bi seo a’ tachairt san àm ri teachd.”
Cuideachd thuirt Russ Whiteworth a tha ag obair airson Legal & General:
“Cha bhi sinn a’ toirt iomradh air ma tha fireannaich co-ghnèitheach neo mura h-eil, cha bhi sinn a’ cur a’ cheist seo air luchd-ceannaich aig àm sam bith.”
“Tha sinn a’ breugnachadh a’ mholadh gu bheil sinn a’ dèanamh leth-bhreith an-aghaidh co-sheòrsaich.”

