Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General
23/12/2008 12:57 le Alasdair Justice
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
19mh den Dùbhlachd - Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-Chuirt California an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas abhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’abhaist a bhith na riaghaladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas laidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.
Bidh an neach-lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd-Chuirt California mar riochdaire nam buidheann a chuir a’ Phroposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean-lagha an aghaidh Ceann-Suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an-diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.
An e “ath-sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ann?
‘Sann do bun-reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an-dràsta. Chan urrainn do Àrd-Chuirt bun-reachd a chur às. Ciamar am b’urrainn do luchd-dùbhlain a thoirt cùis-lagha na h-aghaidh? Seo cnac a’ chuis: tha clàs dìon còraichean co-ionnan aig Bun-reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath-sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun-reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a-mhàin parlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’urrainn ath-sgrùdadh bun-reachdail a chur air beulaibh an t-sluagh, agus feumar a bhith mòr-chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath-chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr-chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd-dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chuis, ag iarraidh gum breith an Àrd-Chuirt gur e ath-sgrùdadh mòr a th’ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontachas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bi.
Tha bhidio ùr air nochdadh an aghaidh Tairgse 8 California
07/12/2008 00:11 le Nathan Gray
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
Chaidh bhidio ùr a chur air làrach-lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Tairgse 8 California, a rèir an AP. B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl fiolm ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh-chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.
Tha Tairgse 8 air a h-aontachadh le luchd-bhòtadh ann an California an 4 dhen Samhain. Chuir i pòsadh nan daoine co-ghnèitheach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar-thà ann an California, an deidh co-dhùnadh Àrd-Chuairt na Stàite anns a’ Chèitean sa chaidh. Thuirt an co-dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co-ghnèitheach fo bhun-reachd na stàite.
Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgàradh-pòsaidh) nan daoine co-ghnèitheach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach—an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.
Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh
26/11/2008 18:13 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Creideamh, Fèisteas, Naidheachdan, Èirinn
Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.
Anns a’ bhiodio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-ghnèitheach, a’ nochdadh le actair seach le ban-actair.
Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.
Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachdsa, cha bu chòir do cùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”
B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-ghnèitheach ann am bhidio-ciùil.
Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:
Cha tèid planaichean airson Àrd-sgoil LGBT ann an Chicago air adhart
26/11/2008 17:37 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Foghlaim, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs

Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air ràdh nach tèid planaichean airson àrd-sgoil LGBT fhosgladh anns a’ bhaile air adhart.
Thathar ag ràdh nach tèid na planaichean air adhart air sgàth ’s gu bheil luchd-dùbhlain airson sgoil fosgladh a-mach gu mion-chuidean eile seach a bhith airson luchd-LGBT a-mhàin.
“Bha iad (Ùghdarrasan an Sgìre) airson dèanamh cinnteach gu biodh an sgeama fosgladh a-mach ri clann eile a tha air an iomall air sgàth ’s adhbharan a leithid creideamh, cuideam agus eile,” arsa neach-labhairt Michael Vaughn
Thuirt na luchd-taice nach robh iad airson na planaichean a dhol air adhart a-nis air sgàth ’s gun robh iad air “watered down” agus nach eil robh iad a’ co-fhreagairt na h-amasan a bh’ aca tuilleadh.
Dealbhan bho Los Angeles 15mh den t-Sultain
16/11/2008 13:52 le Alasdair Justice
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs

