Eadailteach air £80,000 fhaighinn air sgàth ’s gun do chiall e an cead-dràibhidh aige o chionn ’s gu bheil e co-sheòrsach
20/07/2008 21:45 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Slàinte, an t-Aonadh Eòrpach

Tha cùirt air Riaghaltas na h-Eadailt ordugh gus €100,000 (£80,000) a thoirt gu co-ghnèitheach a chiall an cead-dràibhidh aige o chionn ’s an taobhadh aige a-thaobh feise.
Ann an 2001 dh’innis Danib Giuffrida dha na h-ùghdarrasan gu bheil e co-ghnèitheach fhàd ’s a bha e a’ dol tro deuchainn slàinte gus am b’ urrainn dha ghabhail san airm.
An-dèidh nan deuchainnean thug an ospadal na toraidhean gu Misintrealachd na Còmhdail ag ràdh nach robh e comasach air dràibheadh gu corporra neo gu h-inntinneil.
Chaidh an cead-dràibhidh a thoirt air falbh bhuaithe air sgàth ’s an taobhadh aige a-thaobh feise agus bha feum aige air deuchainn dràibhidh a dhèanamh a-rithist. Rinn e a’ chùis air ach cha d’fhuair e ach cead-dràibhidh sònraichte airson bliadhna seach cead-dràibhidh slàn (10 bliadhna).
Thuirt a’ chuirt gur b’ e Ministrealachd an Dìon agus Ministrealach na Còmhdail as coireach air leth-bhreith agus gun robh seo a’ dol an-agaidh còraichean Mgr Giuffrida.
Triùir anns an Eilean Lesbos a’ toirt buidheann LGBT gu lagh
07/05/2008 10:21 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Lagh, Naidheachdan, an t-Aonadh Eòrpach

Tha triùir anns an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LGBT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal leasbach anns an ainm aca.
Tha iad ag ràdh gu bheil ainm a’ bhuidheann Homosexual and lesbian community of Greece a’ dèanamh oilbheum dhaibh air sgàth ’s gu bheil am facal Leasbach a’ ciallachadh cuideigin às an Eilean Lesbos.
“Chan urrainn do mo phiuthar ag ràdh gur e Leasbach a th’ innte,” arsa Dimitris Lambrou. “Tha an fèin-aithne againn air a bhith a’ gabhail bhuainn gu choir le boireannaich aig nach eil ceanglaichean ris an Eilean Lesbos.”
“Chan e gnìomh ionnsaigheach an-aghaidh leasbaich a th’ ann,” ars e. “Faodaidh iad tighinn gu Lesbos, pòsadh neo rud sam bith a thogras iad a dhèanamh. Ach tha sinn airson am facal leasbach a chur às dhan ainm aca.”
An Roinn Eòrpa a’ ceasnachadh an Rìoghachd Aonaichte mu dheidhinn còraichean LGBT ann an Gibraltar
07/05/2008 09:03 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Rìoghachd Aonaichte, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, an t-Aonadh Eòrpach

Tha Riaghaltas na Bhreatainn air innse dhan Comhairle Eòrpach gu bheil iad a’ coimhead air còraichean LGBT leasachadh ann an Gibraltar.
Tha fhathast aois-aontachaidh neo-ionann aig a’ choloinidh Bhreatainneach agus tha seo a’ dol an-aghaidh Cùmhnant Eòrpach nan Còraichean Daonna.
A bharrachd air seo tha buggery agus gross-indecency fhathast mì-làghail ged a tha iad gan cleachdadh an-aghaidh co-ghnèithich a-mhàin.
Tha BPE (Ball Pàrlamaid na h-Eòrpa) Michael Cashman air a bhith a’ bruidhinn ri Gordon Brown mu dheidhinn a’ chuspair connspaideach agus tha an Comhaire Eòrpach air an aithris seo a chur a-mach:
“Tha an Rìoghachd Aonaichte air daingeachadh an dealas aice airson cuspairean leasbeach, co-ghnèitheach, dà-ghnèitheach agus tar-ghnèitheach agus air comharrachadh gu bheil Riaghaltas na Gibraltar eòlach air dè cho cudromach ’s a tha an cùmhnant, gu h-àraidh a-thaobh leth-bhreith.”
“Tha Comadaidh nam Ministearan toilichte gu bheil an Rìoghachd Aonaichte a’ coimhead air a’ chuspair seo agus gu bheil fios aice gu bheil Gibraltar air cùram an Rìoghachd Aonaichte agus gu bheil seo a’ ciallachadh gu bheil i an urra ri Gibraltar a’ gabhail ris a’ chùmhnant.”
Aithisg ùr a’ sealltainn gu bheil sgàradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh tar-ghnèithich
30/04/2008 09:48 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Slàinte, an t-Aonadh Eòrpach

Tha Comann Eadar-nàiseanta nan Leasbaich is Co-ghnèithich (ILGA) air aithisg ùr fhoillseachadh a tha a’ sealltainn gu bheil sgàradh mhòr thar an Aonadh Eòrpach ann an làimhseachadh tar-ghnèithich.
Chaidh an aithisg a dhèanamh gus fhaighinn a-mach ciamar a tha seirbheisean-slàinte a’ làimhseachadh tar-ghnèithich agus barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn leth-bhreith anns an ionad-obrach.
“‘S e seo a’ chiad tùras a tha leth-bhreith agus claon-bhreith an aghaidh tar-ghnèithich thar an Aonadh Eòrpach air a bhith a’ dearbhadh,” arsa Deborah Lambillote, Co-chathraiche Bòrd-stiùiridh ILGA.
“Tha sinn an dòchas gum bi an aithisg seo feumail do luchd-tagraidh agus luchd-iomairt còraichean tar-ghnèithich.”
Faodaidh sibh an aithisg seo leughadh aig:
http://www.ilga-europe.org/europe/publications/non_periodical.
Coimisean Eòrpach air òrdugh leth-bhreith thrèigsinn
23/04/2008 15:53 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, an t-Aonadh Eòrpach

Air sgàth ’s gearanan bhon a’ Ghearmailt agus eile tha an t-Aonadh Eòrpach air òrdugh leth-bhreith thrèigsinn ged a bhiodh e a’ dìon luchd-LGBT anns an Roinn Eòrpa bho leth-bhreith.
A dh’aindeoin seo bidh iad fhathast a’ dol air adhart le òrdugh a bhios a’ dìon daoine le ciorraim.
“B’ fheàrr leinn òrdugh farsaing a bhiodh a’ toirt a-steach leth-bhreith air sgàth ’s trìoplaidean nach eilear gan deileigeadh ri fhathast,” ars Jan Jarab, neach-labhairt an Coimisean Eòrpach.
“A dh’aindeoin seo feumaidh sinn a bhith practaigeach tha sinn air sanasan fhaighinn bho cuid dhe na buill nach biodh iad a’ cur taic ri òrdugh farsaing tha fios gur e trìoplaid a tha seo oir tha sinn feumach air aon-inntinn airson an òrdugh a’ cur air adhart.”
“A-thaobh na h-abharan eile, aois, taobhadh a-thaobh feise, agus creideamh, bheir sinn stiùireadh a-mach an àite òrdugh a dhèanamh.”

