Gnìomhaichean dòchasach gum faigh iad càad airson caismeachd a chumail san Rùis
08/10/2008 19:42 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Fèisteas, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs

Tha gnìomhaichean Nicolas Alexeyev agus Anna Komarova ann an Tambov, an Rùis, an dùil tagradh a chur a-steach gus càismeachd Pride a chumail sa bhaile.
Tha gnìomhaichean LGBT sa bhaile air cead fhaighinn mar thà gus fianais a thogail an-aghaidh Riaghladair Oleg Betin an dèidh dha ràdh ann an agallamh:
“Tolerance?! To hell! Faggots should be torn apart. And their pieces should be thrown in the wind.”
‘S e seo a’ chiad tùras riamh gu bheil tachartas LGBT air cead fhaighinn san Rùis.
Tha iad airson a’ chàismeachd a chumail 18mh Dàmhair ‘08 ach tha Mèar Moscow air bacadh a chur air càismeachdan mar thà ann an 2006, 2007 agus 2008.
Tha ùghdarrasan beachdachadh an tagraidh.
Eadailteach air £80,000 fhaighinn air sgàth ’s gun do chiall e an cead-dràibhidh aige o chionn ’s gu bheil e co-sheòrsach
20/07/2008 21:45 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Slàinte, an t-Aonadh Eòrpach

Tha cùirt air Riaghaltas na h-Eadailt ordugh gus €100,000 (£80,000) a thoirt gu co-ghnèitheach a chiall an cead-dràibhidh aige o chionn ’s an taobhadh aige a-thaobh feise.
Ann an 2001 dh’innis Danib Giuffrida dha na h-ùghdarrasan gu bheil e co-ghnèitheach fhàd ’s a bha e a’ dol tro deuchainn slàinte gus am b’ urrainn dha ghabhail san airm.
An-dèidh nan deuchainnean thug an ospadal na toraidhean gu Misintrealachd na Còmhdail ag ràdh nach robh e comasach air dràibheadh gu corporra neo gu h-inntinneil.
Chaidh an cead-dràibhidh a thoirt air falbh bhuaithe air sgàth ’s an taobhadh aige a-thaobh feise agus bha feum aige air deuchainn dràibhidh a dhèanamh a-rithist. Rinn e a’ chùis air ach cha d’fhuair e ach cead-dràibhidh sònraichte airson bliadhna seach cead-dràibhidh slàn (10 bliadhna).
Thuirt a’ chuirt gur b’ e Ministrealachd an Dìon agus Ministrealach na Còmhdail as coireach air leth-bhreith agus gun robh seo a’ dol an-agaidh còraichean Mgr Giuffrida.
“Homosexuality” 140 bliadhna a dh’aois
08/05/2008 17:56 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Eile, Naidheachdan
B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.
Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsachd. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còraichean LGBT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.
B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:
Urning: “male bodies person with a female psyche” aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.
Urningin: “female bodied person with a male psyche” aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.
Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.

Ach ann an 1868 chruthaich facal ùr air a shon, Homosexualität bhon facal Greugach homo- (same) agus am facal Laideannach sexualis (sex). Chleachd Kertbeny am facal seo airson a’ chiad tùras ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh den Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.

Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus anns na h-òraidean aige.
Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930′an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.
Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thoidhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LGBT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile tùras ’s a bhios fèis LGBT ann am Budapest.

Triùir anns an Eilean Lesbos a’ toirt buidheann LGBT gu lagh
07/05/2008 10:21 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Roinn Eòrpa, Lagh, Naidheachdan, an t-Aonadh Eòrpach

Tha triùir anns an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LGBT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal leasbach anns an ainm aca.
Tha iad ag ràdh gu bheil ainm a’ bhuidheann Homosexual and lesbian community of Greece a’ dèanamh oilbheum dhaibh air sgàth ’s gu bheil am facal Leasbach a’ ciallachadh cuideigin às an Eilean Lesbos.
“Chan urrainn do mo phiuthar ag ràdh gur e Leasbach a th’ innte,” arsa Dimitris Lambrou. “Tha an fèin-aithne againn air a bhith a’ gabhail bhuainn gu choir le boireannaich aig nach eil ceanglaichean ris an Eilean Lesbos.”
“Chan e gnìomh ionnsaigheach an-aghaidh leasbaich a th’ ann,” ars e. “Faodaidh iad tighinn gu Lesbos, pòsadh neo rud sam bith a thogras iad a dhèanamh. Ach tha sinn airson am facal leasbach a chur às dhan ainm aca.”

