Bhiocair air ràdh gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith stampadh air luchd-LGBT
08/10/2008 20:37 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Rìoghachd Aonaichte, Creideamh, Naidheachdan, Sasainn, Slàinte

Tha bhiocair anns an Eaglais Shasannach air ràdh air a’ bhlòg aige gum bu chòir rabhadh slàinte a bhith air stampadh air luchd-LGBT.
Sgrìobh an t-Urr. Peter Mullen:
“Bu chòir do dhleastanas a bhith aig co-sheòrsaich tatù fhaighinn air an tònan ag ràdh SODOMY CAN SERIOUSLY DAMAGE YOUR HEALTH agus tatù eile air an smigean ag ràdh FELLATIO KILLS.
Tha na blògaichean air a bhith a’ sguabadh às a-nis.
“Ged a tha sinn dhen bheachd gum bu chòir do shaorsa làbhairt a bhith aig clèir, tha fios againn gu bheil seo oilbheumach agus chan e seo idir idir beachd a th’ aig Sgìr-easbaig Lunainn,” arsa neach-labhairt an Eaglais.
Oileanaich an sas ann an iomairt airson còirichean daonna
08/10/2008 20:13 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs, Sasainn

Bidh an Iomairt NUS LGBT agus Gay Rights Uganda a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Uganda nach eil a’ cur stad air geur-leanmhainn agus cràdh an luchd-LGBT san dùthaich.
Anns na seachdainean mu dheireadh tha Riaghaltas Uganda air gealladh gus laghan nas cruaidhe a chur air chois an-aghaidh luchd-LGBT air sgàth ’s gu bheil an tinneas “co-sheòrsachd” air sgaoileadh air feadh Afraga.
Bidh iad cuideachd a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Bhreatainn agus an dòigh sa bhios i a’ làimhseachadh luchd-LGBT a tha air tighinn do Bhreatainn airson teàrmann.
Bidh iad a’ cruthachadh aig Taigh Uganda, Ceàrnag Trafalgar 12f a-maireach, Latha Saorsa Uganda.
Carthanas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean
25/07/2008 19:31 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Eilean Mhanainn, Naidheachdan, Slàinte, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath
Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dublachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh leis an HPA (Health Protection Agency).
An-uiridh dh’ionnsaich 251 balaich gun robh HIV orra an taca ri 128 ann an 1998.
San Rìoghachd Aonaichte tha HIV air aon balach anns gach fichead agus ann an Lunnainn tha i air aon anns gach deich.
Air sgàth ’s na figearan seo tha an t-Urras Nàiseanta AIDS (NAT) a-nis ag ràdh gum bu chòir do chlann ionnsachadh mu feise agus càirdeis co-sheòrsach sna sgoiltean.
Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear NAT gu bheil foghlam fèise a’ failligeadh balaich co-sheòrsaich agus tha seo follaiseach anns na h-àireamhan de bhalaich air a bheil HIV.
Deuchainnean HIV saor an-asgaidh taobh a-staigh 15 mionaid
22/06/2008 20:12 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Rìoghachd Aonaichte, Naidheachdan, Sasainn, Slàinte

Tha clionag ann an meadhan a’ choimhearsnachd LGBT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do co-ghnèithich saor an-asgaidh agus taobh a-staigh 15 mionaid.
A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an-aghaidh Hepatitis B.
A-rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon co-ghnèithich anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.
A-thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.
Tha an HPA (Health Protection Agency) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co-ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co-dhiù gach bliadhna.
Tha an seirbheisean ri fhaoitinn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.
Bile ùr a’ brosnachadh co-ionannachd do co-sheòrsaich
22/06/2008 19:03 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: An Rìoghachd Aonaichte, Lagh, Naidheachdan, Poilitigs

Thèid bile ùr a bhios a’ brosnachadh co-ionannachd do leasbaich, co-ghnèithich, dà-ghnèithich agus tar-ghnèithich ainmeachadh gu h-oifigeil leis a’ Bhanrigh anns an òraid aice san t-Samhain.
Thathar an dùil gun tèid am bile tron a’ Phàrlamaid trath ann an 2009 agus gun tèid a dhèanamh na lagh ron t-Samhradh.
An-dràsta tha laghan ann, a leithid Sexual Orientation Regulations, a tha a’ dion co-sheòrsaich bho leth-bhreith a-thaobh seirbheisean agus bathar, ach chan eil dad ann fhathast a tha a’ brosnachadh co-ionannachd do leasbaich, dà-ghnèithich agus co-ghnèithich san fharsaingeachd agus mar sin tha a’ mhòr-chuid fhathast an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh seirbheisean poblach.
Tha na 18 miosan a tha romhainn tha Stonewall ag ràdh gum bi iad a’ coiteachadh na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum bi am bile cho farsaing ’s a ’s urrainn dha bhith gus seirbheisean nas fhèarr chruthachadh dhan 3.6 millean co-sheòrsaich a tha a’ fuireach ann am Breatainn.


