Luchd-saidheans air laigse aig HIV lorg
25/07/2008 18:49 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Ameireaga a Tuath, Amerieaga a Deas, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Slàinte
Tha luchd-rannsachaidh ag obair aig Sgoil Slàinte Oilthigh Teagsas (Texas?) ag ràdh gu bheil iad air laigse aig HIV (Bhioras Dìon-slàinte Daonna) lorg.
Tha an laigse seo na pàirt de phròtain a tha riatanach do HIV airson grèim fhaighinn air ceallan.
Gu ruige seo chan eil banachdach HIV ann air sgàth ’s gu bheil am bhìoras an còmhnaidh ag atharrachadh.
Ach tha luchd-saidheans ag ràdh nach biodh HIV comasach air grèim fhaighinn air ceallan mura robh co-dhiù aon roinn ann nach robh ag atharrachadh.
Tha sgioba air a bhith a’ dèanamh fòcas air sreath de shearbhagan amino a tha nan pàirtean dhen chèis pròtain gp120.
Tha iad cuideachd air antibodies chruthachadh air ainmeachadh Abzymes a tha comasach air ionnsaigh a thoirt air a h-uile seòrsa de HIV le bhith a’ toirt ionnsaigh air na roinnean nach eil ag atharrachadh.
Chaidh an rannsachadh fhoillseachadh ann an Autoimmunity Reviews agus thèid ga thaisbeanadh aig an Co-labhairt Eadar-nàiseanta AIDS ann am Baile Meagsago san Lùnastal.
Duine pòsta air ordughachadh ri airgead a thoirt ri leannan co-ghnèitheach
28/03/2008 09:30 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Amerieaga a Deas, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan
Tha cùirt ann am Braisil ag ràdh gum feum duine pòsta às na Stàitean Aonaichte airgead a thoirt ri leannan co-ghèitheach.
Tha companasan-catharra air a bhith laghail ann an Rio Grande do Sul o chionn 2004, agus thuirt an cùirt air sgàth ’s gun robh an Ameireaganach air a bhith a’ falbh le leannan Braisileach airson ceithir bliadhna, tha iad dhen bheachd gur e càirdeas seasmhach a bh’ ann.
Tha còrr ’s $450m (£225m) aig an Ameireaganach, a tha a-nis a’ fuireach anns na Stàitean Aonaichte le bhean agus a-rèir an cùirt feumaidh e còrr ’s $120m (£60m) a phaigheadh ris a’ Bhraisileach.
Thathar an dòchas gum bi an co-dhùnadh seo mar eisimpleir ri cùirtean eile air feadh an t-saoghal air sgàth ’s gum bi seo a’ chiad tùras a bhios maoin a’ sgaoileadh eadar càraid co-sheòrsach nach robh a’ fuireachd ri chèile.
Tha an Ameireaganach ag agairt an aghaidh a’ cho-dhùnadh ag ràdh gur e càirdeas gnothaich a bh’ ann.


