Oileanaich an sas ann an iomairt airson còirichean daonna

Bidh an Iomairt NUS LGBT agus Gay Rights Uganda a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Uganda nach eil a’ cur stad air geur-leanmhainn agus cràdh an luchd-LGBT san dùthaich.

Anns na seachdainean mu dheireadh tha Riaghaltas Uganda air gealladh gus laghan nas cruaidhe a chur air chois an-aghaidh luchd-LGBT air sgàth ’s gu bheil an tinneas “co-sheòrsachd” air sgaoileadh air feadh Afraga.

Bidh iad cuideachd a’ togail fianais an-aghaidh Riaghaltas Bhreatainn agus an dòigh sa bhios i a’ làimhseachadh luchd-LGBT a tha air tighinn do Bhreatainn airson teàrmann.

Bidh iad a’ cruthachadh aig Taigh Uganda, Ceàrnag Trafalgar 12f a-maireach, Latha Saorsa Uganda.

Carthanas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean

Urras Nàiseanta AIDS

Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dublachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh leis an HPA (Health Protection Agency).

An-uiridh dh’ionnsaich 251 balaich gun robh HIV orra an taca ri 128 ann an 1998.

San Rìoghachd Aonaichte tha HIV air aon balach anns gach fichead agus ann an Lunnainn tha i air aon anns gach deich.

Air sgàth ’s na figearan seo tha an t-Urras Nàiseanta AIDS (NAT) a-nis ag ràdh gum bu chòir do chlann ionnsachadh mu feise agus càirdeis co-sheòrsach sna sgoiltean.

Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear NAT gu bheil foghlam fèise a’ failligeadh balaich co-sheòrsaich agus tha seo follaiseach anns na h-àireamhan de bhalaich air a bheil HIV.

Colin & Justin air phòsadh ann an seirbheis dìomhair

Colin McAllister and Justin Ryan

Tha Colin McAllister agus Justin Ryan air phòsadh ann an seirbheis dìomhair aig an Oifis Chlàraidh Chelsea ann an Glaschu.

Thachair an seirbheis dìomhair anns a’ Ghearran agus cha robh ach dithis eile an làthair, Elaine agus Georga Ponte.

Thug iad gealladh-pòsaidh dha chèile san Dùbhlachd nauir a bha iad ag obair air a’ phrògram t.bh. ùr aca, Home Heist.

“An dèidh bliadhna a’ fuireach ann an Toronto, a’ clàradh Home Heist, , bha e sòilleir dhuinn gun robh sinn airson pòsadh,” arsa Ryan. “Tha Canada na nàisean adhartach, fosgailte ri agus a’ cur fàilte air pòsadh LGBT, bha e brosnachail.”

An dèidh an seirbheis, dh’fhalbh iad airson mìos nam pòg anns a’ Chairibìan.