Carthanas AIDS airson clann ionnsachadh mu dheidhinn feise co-sheòrsach sna sgoiltean
25/07/2008 19:31 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Alba, An Rìoghachd Aonaichte, Eilean Mhanainn, Naidheachdan, Slàinte, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath
Tha an àireamh de bhalaich HIV+ air dublachadh san 10 bliadhna mu dheireadh a-rèir figearan air fhoillseachadh leis an HPA (Health Protection Agency).
An-uiridh dh’ionnsaich 251 balaich gun robh HIV orra an taca ri 128 ann an 1998.
San Rìoghachd Aonaichte tha HIV air aon balach anns gach fichead agus ann an Lunnainn tha i air aon anns gach deich.
Air sgàth ’s na figearan seo tha an t-Urras Nàiseanta AIDS (NAT) a-nis ag ràdh gum bu chòir do chlann ionnsachadh mu feise agus càirdeis co-sheòrsach sna sgoiltean.
Thuirt Deborah Jack, Àrd-oifigear NAT gu bheil foghlam fèise a’ failligeadh balaich co-sheòrsaich agus tha seo follaiseach anns na h-àireamhan de bhalaich air a bheil HIV.
Iomairt “ex-gay” gu bhith stèidheachadh anns a’ Chuimrigh
22/04/2008 17:50 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Creideamh, Fèisteas, Naidheachdan, a' Chuimrigh

Tha an Crìosdaidh Fundamentalist connspaideach Stephen Green air tuairmeas a thoirt gun tèid iomairt “ex-gay” a tha a brosnachadh daoine “to pray away the gay” stèideachadh anns a’ Chuimrigh.
Bha Mgr Green a tha ainmeil airson a’ togail fianais an-aghaidh tachartasan Pride a’ bruidhinn air a’ phrògram aithriseach Week In, Week Out air BBC Wales.
A bharrachd air seo thuirt e ri Ian ‘H’ Watkins, neach-taisbeanaidh a’ phrògram gun urrainn dha “walk away” bho co-sheòrsachd.
“Tha an teachdaireachd bhon a’ Bhioball ag ràdh nach eil e gu diofar ciamar a chaidh thu gu bhith nad cho-sheòrsach, chan fheum thu fuireach nad cho-sheòrsach,” ars an searmanaiche.
“Faodaidh tu coiseachd air falbh… tha ministrealachdan leigheis ann.”
“Tha sinn a’ beachdachadh air ministrealachd fhosgladh anns a’ Chuimrigh.”
“Chan eil mi a’ creidsinn gu bheil co-sheòrsaich air am breith nan co-sheòrsaich,” ars esan.
“Cha leig Dia do co-sheòrsaich a bhith gam breith agus an uairsin can nach eil e ceadaichte.”
A bharrachd air seo rinn Mgr Green coimeas eadar Mgr Watkins agus marbhaiche Jeffery Dahmer.
Chaidh ga chàineadh ach thuirt e:
“Tha an dithis dhuibh a’ dol an-aghaidh facal Dhè - ’s peacadh a th’ ann an peacadh, ’s e peacadh a th’ ann an peacadh ann an sùilean Dhè.”
NHS anns a’ Chuimrigh airson seirbheisean co-ionann a thoirt ris a’ choimhearsnachd LGB
22/04/2008 14:51 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean: Naidheachdan, Poilitigs, Slàinte, a' Chuimrigh

Tha Edwine Hart, Ministear Slàinte na Cuimrigh air stiùireadh ùr a thoirt ris an NHS anns an dùthaich.
Thuirt i gun deach an stiùireadh a chur ri chèile le Cynulliad Cenedleathol Cymru (Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh) ann an co-obrachadh le Stonewall Cymru air sgàth ’s gun robh ceisteachan aig Stonewall a’ sealltainn gu bheil co-sheòrsaich anns a’ Chuimrigh an còmhnaidh an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh nan seirbheisean slàinte.
Tha an stiùireadh ùr seo ag amas air fiosrachadh a thoirt ri luchd-obrach mu dheidhinn cùisean LGB, air dèanamh cinnteach gu bheil luchd-LGB comasach air an aon seirbheis fhaighinn ’s a tha daoine eile agus air dèanamh cinnteach gu bheil na seirbheasan slàinte a’ smaointinn air a h-uile duine nuair a tha iad a’ beachdachadh air seirbheis ùr a thoirt seachad.
Thuirt Edwina Hart, Ministear Slàinte:
“Tha mi toilichte gu bheil an NHS anns a’ Chuimrigh a’ strì airson a h-uile duine a thoirt a-steach agus bu toigh leam luchd-obrach brosnachadh an stiùireadh ùr leughadh.”
Thuirt Jenny Porter, Oifigear-ceangail Stonewall Cymru:
“Tha sinn a’ cur fàilte chridheil air an stiùireadh ùr seo.”
“Tha fios againn nach eil tòrr daoine LGB deònach air an taobhadh aca a thaobh feise innse ri doctairean neo nursaichean air sgàth ’s leth-bhreith agus tha seo a’ ciallachadh gu bheil cuid a’ faighinn comhairle slàinte mì-fhreagarrach.”
“Bidh an stiùireadh seo a’ ciallachadh gum bi luchd-obrach an NHS nas eòlaiche air cùisean nan euslaintich LGB agus a’ toirt fios gu bheil còir aig a h-uile euslainteach air cùram fhaighinn a tha freagarrach dhaibh.”


