B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.
Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsachd. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còraichean LGBT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.
B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:
Urning: “male bodies person with a female psyche” aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.
Urningin: “female bodied person with a male psyche” aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.
Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.

Ach ann an 1868 chruthaich facal ùr air a shon, Homosexualität bhon facal Greugach homo- (same) agus am facal Laideannach sexualis (sex). Chleachd Kertbeny am facal seo airson a’ chiad tùras ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh den Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.

Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus anns na h-òraidean aige.
Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930′an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.
Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thoidhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LGBT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile tùras ’s a bhios fèis LGBT ann am Budapest.

