Naidheachdan as ùire:
Aonadh Èireannach air ràdh gu bheil leth-bhreith ceadaichte ann an sgoiltean

Tha aonadh-teagaisg Èireannach air ràdh gu bheil laghanan co-ionannachd a’ toirt cead do sgoiltean cràbhach a bhith a’ dèanamh leth-bhreith air tidsearan gèidh.

Tha INTO (Irish National Teacher’s Organisation) ag ràdh gu bheil an Employment Equality Act a’ toirt cead ri sgoiltean a chur tidsearan à dreuchd air sgàth ’s gu bheil an dòigh-beatha aca a’ dol an aghaidh poileasaidh creideamh nan sgoiltean.

A-rèir Earrann 37 dhen achd faodaidh sgoiltean gnìomh a thoirt gus “bacadh a chur air neach-obrach sam bith a tha a’ lagachadh inbhe creideamh an t-ionad-obrach.”

Tha bòrd stiùiridh INTO a-nis air bhòtadh gus iarraidh airson Earrann 37 a bhith sguabadh às.

Deasbad mu Companasan-catharra san Eilean Mhanainn

Thathar gu bhith a’ deasbad Bile Companasan-catharra anns an House of Keys a-maireach.

Ma bhios e soirbheachail thèid còraichean co-ionannach a thoirt do chàraidean gay agus leasbach ’s a th’ aig càraidean phòsta.

Thuirt Allan Bell, Minister an Iomhais, gu bheilear an dùil gum biodh am bile ag atharrachadh na beachdan a th’ aig a’ mhòr-shluaigh air an eilean.

A-rèir a’ BhBC thuirt e: “Tha mi a’ smaointinn gus bheil coimhearsnachd againn air an Eilean Mhanainn a tha nas fosgailte agus nas tuigsinneach a-nis. Tha a’ mhòr-chuid a’ gabhail ri càirdeasan gèidh a-nis.”

“Tha na h-atharrachaidhean eile a tha sinn air cur an gnìomh, a-thaobh a’ chùis gèidh, air toirt an Eilean Mhanainn ris an aon ìre ’s a tha an Rìoghachd Aonaichte agus ma dh’fhaoite an còrr den t-Aonadh Eòrpach.”

Bha co-ghnèitheachd (homosexuality) mì-laghail air an eilean suas gu 1992 agus chaidh an t-aois-aonta a dhèanamh co-ionannach ann an 2006.

An-dràsta thathar cha mhòr ach ag aithneachadh companasan-catharra às an Rìoghachd Aonaichte

Còraichean co-ionannachd do leasbaich a’ sìreadh sèirbheisean IVF

Thathar an dùil gun tèid cead a thoirt do leasbaich Albannach a’ sìreadh IVF bho Sèirbheis Nàiseanta na Slàinte (SNS).

CUNNTAS-BEACHD: Am b’ fheàrr leibh sgeulachdan ùra Naidheachdan Pinc gu làitheil neo gach seachdain?

Am b’ fheàrr leibh sgeulachdan ùra Naidheachdan Pinc gu làitheil neo gach seachdain?

A’ Chiad Seirbheis Aona-ghnèitheach Eilean Leòdhais an-diugh

Thèid a’ chiad seirbheis aona-ghnèitheach a chumail ann an Eilean Leòdhais an-diugh nuair a thèid Anndra Robasadan agus Craig Atkins am pòsadh

Casg air ministearan gèidh ùra fad dà bhliadhna

Tha Eaglais na h-Alba air casg a chur air ministearan gèidh ùra fad dà bhliadhna.


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes

Naidheachdan Pinc is Digg proof thanks to caching by WP Super Cache