Iongnadh mòr air California às deidh baraile bho Attorney General
23/12/2008 12:57 le Alasdair Justice
Cuspairean Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
19mh den Dùbhlachd - Chuir Attorney General Edmund G. “Jerry” Brown, Jr., iongnadh air a h-uile duine ann an California nuair thug e bharail laghail do Àrd-Chuirt California an aghaidh Proposition 8. Bidh dleastanas abhaisteach aig an Attorney General an lagh a’ dìon. Thuirt Attorney General Brown, a b’abhaist a bhith na riaghaladair e fhèin (1975-1983), gu nach eil comas aig bhòt an t-sluaigh sam bith a chur às don còraichean bun-reachdail coltach ri co-ionnanachd nan daoine. ‘S e seo argamaid laghail caran nas laidire na h-argamaid a rinn na luchd-dùbhlain eile.
Bidh an neach-lagha ainmeil Kenneth Starr a’ dìon Proposition 8 air beulaibh an Àrd-Chuirt California mar riochdaire nam buidheann a chuir a’ Phroposition air adhart bho thùs. Bha Kenneth Starr an sàs sna cùisean-lagha an aghaidh Ceann-Suidhe Bill Clinton anns na 1990s, agus an-diugh tha e na Dhean aig Pepperdine Law School ann am Malibu ann an California.
An e “ath-sgrùdadh neo dìreach “atharrachadh” a th’ann?
‘Sann do bun-reachd na stàite a bhuineas Proposition 8 an-dràsta. Chan urrainn do Àrd-Chuirt bun-reachd a chur às. Ciamar am b’urrainn do luchd-dùbhlain a thoirt cùis-lagha na h-aghaidh? Seo cnac a’ chuis: tha clàs dìon còraichean co-ionnan aig Bun-reachd na Stàite, ach an e Proposition 8 ath-sgrùdadh mòr air a’ chlàs sin agus a’ Bhun-reachd fhèin, neo dìreach atharrachadh beag? ‘S e ceist chudromach a th’ann. ‘Sann a-mhàin parlamaid na stàite, ris an canar The State Assembly, a b’urrainn ath-sgrùdadh bun-reachdail a chur air beulaibh an t-sluagh, agus feumar a bhith mòr-chuid de 2/3 san Assembly air a shon. Ma tha an sluagh ag iarraidh atharrachadh beag a dhèanamh, ‘s urrainn dhaibh ath-chuinge a dhèanamh airson atharrachadh a chur air a’ bhallot, agus tha mòr-chuid simplidh, 51%, gu leòr airson buaidh. Tha na luchd-dùbhlain, a tha nan gearanaichean a’ chuis, ag iarraidh gum breith an Àrd-Chuirt gur e ath-sgrùdadh mòr a th’ann am Proposition 8, agus gun robh na modhan gun a bhith riaghailteach. Ma dh’aontachas na breitheamhan, bhiodh Proposition 8 a’ dol à bi.
Tha bhidio ùr air nochdadh an aghaidh Tairgse 8 California
07/12/2008 00:11 le Nathan Gray
Cuspairean Ameireaga a Tuath, Creideamh, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs
Chaidh bhidio ùr a chur air làrach-lìn FunnyOrDie.com, a tha a’ togail fianais an aghaidh Tairgse 8 California, a rèir an AP. B’ e cruthachadh Marc Shaiman a bh’ ann, a sgrìobh ceòl fiolm ‘South Park: Bigger, Longer & Uncut’ agus dhealbh-chluich cheòlmhor ‘Hairspray’.
Tha Tairgse 8 air a h-aontachadh le luchd-bhòtadh ann an California an 4 dhen Samhain. Chuir i pòsadh nan daoine co-ghnèitheach fon choill, ach tha ceist toinnte dè thachras ris na càraidean a chaidh a phòsadh mar-thà ann an California, an deidh co-dhùnadh Àrd-Chuairt na Stàite anns a’ Chèitean sa chaidh. Thuirt an co-dhùnadh seo gun robh còir a phòsadh aig daoine co-ghnèitheach fo bhun-reachd na stàite.
Tha daoine ainmeil a’ cluich anns a’ bhidio: Neil Patrick Harris, John C. Reilly, Margaret Cho agus Jack Black, a tha a’ cluich Ìosa. Aig an deireadh, tha Harris ag ràdh ris na daoine air gach taobh an deasbaid gum biodh pòsadh (agus sgàradh-pòsaidh) nan daoine co-ghnèitheach na b’ fheàrr dhan eaconomaidh Ameireaganach—an deidh do Ìosa a dhìobradh a dhearbhadh dha na daoine chràbhaich ri argamaid an spioraid.
Clèir Èireannach air bhido ùr Boyzone a chàineadh
26/11/2008 18:13 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean Creideamh, Fèisteas, Naidheachdan, Èirinn
Tha clèir Èireannach air am bhidio-ciùil ùr aig Boyzone a chàineadh agus e ag ràdh gu bheil iad a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach.
Anns a’ bhiodio ùr tha Boyzone a’ nochdadh ann an seallaidhean còmhla ri ban-actairean a’ riochdachadh na mnathan aca ach tha Stephen Gately, a tha co-ghnèitheach, a’ nochdadh le actair seach le ban-actair.
Thuirt an Clèir Èireannach ris The Sun gu bheil am bhidio a bhios air fhaicinn le muilnean a’ sgaoileadh teachdaireachd marbhtach ri daoine òga.
Ach thuirt Stephen Gately, “Nam bheachdsa, cha bu chòir do cùis mhòr a bhith a’ dèanamh a-mach à seo.”
B’ e Boyzone a’ chiad còmhlan-ciùil a chur càraid co-ghnèitheach ann am bhidio-ciùil.
Seo agaibh am bhidio-ciùil airson Better:
Cha tèid planaichean airson Àrd-sgoil LGBT ann an Chicago air adhart
26/11/2008 17:37 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean Ameireaga a Tuath, Creideamh, Foghlaim, Lagh, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan, Poilitigs

Tha luchd-foghlaim ann an Chicago air ràdh nach tèid planaichean airson àrd-sgoil LGBT fhosgladh anns a’ bhaile air adhart.
Thathar ag ràdh nach tèid na planaichean air adhart air sgàth ’s gu bheil luchd-dùbhlain airson sgoil fosgladh a-mach gu mion-chuidean eile seach a bhith airson luchd-LGBT a-mhàin.
“Bha iad (Ùghdarrasan an Sgìre) airson dèanamh cinnteach gu biodh an sgeama fosgladh a-mach ri clann eile a tha air an iomall air sgàth ’s adhbharan a leithid creideamh, cuideam agus eile,” arsa neach-labhairt Michael Vaughn
Thuirt na luchd-taice nach robh iad airson na planaichean a dhol air adhart a-nis air sgàth ’s gun robh iad air “watered down” agus nach eil robh iad a’ co-fhreagairt na h-amasan a bh’ aca tuilleadh.
Rionnagan Ameireaganach an-sas ann an iomairt an-aghaidh gràin nan co-sheòrsaich
26/11/2008 17:15 le Crìstean MacMhìcheil
Cuspairean Ameireaga a Tuath, Foghlaim, Na Stàitean Aonaichte, Naidheachdan

Chaidh iomairt ùr a chur air bhog anns na Stàitean Aonaichte gus sgoilearan anns an dùthaich ionnsachadh mu dheidhinn am buaidh a tha aig cànan a tha gràineil ri luchd-LGBT.
Mar phàirt dhen iomairt thèid sanasan ùra fhoillseachadh air 33,000 stèiseanan air feadh na Stàitean a’ toirt a-steach t.bh., radio, pàipearan-naidheachd, irisean agus an t-eadar-lìon.
Chaidh an iomairt a chur air bhog le GLSEN (The Gay, Lesbian and Straight Education Network) agus The Ad Council.
Anns na sanasan ùra chitear suidheachaidhean diofraichte far a bhios cuideigin ag ràdh “that’s so gay” mar a bhios a’ mhòr-chuid de sgoilearan ag ràdh. Aig deireadh na sanasan bidh Wanda Sykes neo Hilary Duff ag innse dha na sgoilear “to knock it off”.
Tha an iomairt an dùil gum bi deugairean mothachail air am buaidh a tha aig cànan mar seo air sgàth ’s gum bi i gràineil ri cuid.
A bharrachd air na sanasan tha an iomairt air làrach-lìn ùr a chur air bhog aig www.ThinkB4YouSpeak.com agus tha na sanasan ag iarraidh air duine sùil a thoirt air.
Tha an iomairt a’ buntainn ri foillseachadh GLSEN’s 2007 National School Climate Survey a tha a’ sealltainn gu bheil 9/10 deugairean-LGBT ag ràdh gu bheil iad air a bhith a’ sàrachadh air sgàth ’s an taobhadh a th’ aca a-thaobh feise.
‘S e “That’s gay” an abairt as cumanta a chluinneas tu anns na raon-cluiche san là an-diugh ach tha rannsachadh a’ sealltainn nach eil a’ mhòr-chuid eòlach air am buaidh a th’ag faclan mar seo.

