Naidheachdan Pinc

Sorted Soho

Tha clionag ann an meadhan a’ choimhearsnachd LGBT ann an Lunnainn a’ toirt seachad deuchainnean airson HIV do co-ghnèithich saor an-asgaidh agus taobh a-staigh 15 mionaid.

A bharrachd air seo tha Sorted Soho a’ toirt seachad banachdaich an-aghaidh Hepatitis B.

A-rèir nan figearan oifigeil bidh Hepatitis B air aon co-ghnèithich anns gach triùir mus ruigidh iad 35 bliadhna a dh’aois.

A-thaobh HIV tha iad ag ràdh gu bheil fichead sa cheud air deuchainnean airson HIV fhaighinn ro anmoch. Cuideachd tha iad ag ràdh gu bheil an tinneas air deichnear sa cheud ann an Lunnainn agus nach eil fios aig an treas cuid dhiubh.

Tha an HPA (Health Protection Agency) agus Comann HIV na Bhreatainn ag ràdh gum bu chòir do co-ghnèithich deuchainn airson HIV fhaighinn co-dhiù gach bliadhna.

Tha an seirbheisean ri fhaoitinn gach Dimàirt agus Diciadain eadar 17:30 agus 20:00 aig Sorted Soho, Ionad Slàinte Soho, Lunnainn, W1 agus gach Dihaoine eadar 17:30 agus 20:00 aig Clash, 020 7734 1794.

Banrigh Ealasaid II

Thèid bile ùr a bhios a’ brosnachadh co-ionannachd do leasbaich, co-ghnèithich, dà-ghnèithich agus tar-ghnèithich ainmeachadh gu h-oifigeil leis a’ Bhanrigh anns an òraid aice san t-Samhain.

Thathar an dùil gun tèid am bile tron a’ Phàrlamaid trath ann an 2009 agus gun tèid a dhèanamh na lagh ron t-Samhradh.

An-dràsta tha laghan ann, a leithid Sexual Orientation Regulations, a tha a’ dion co-sheòrsaich bho leth-bhreith a-thaobh seirbheisean agus bathar, ach chan eil dad ann fhathast a tha a’ brosnachadh co-ionannachd do leasbaich, dà-ghnèithich agus co-ghnèithich san fharsaingeachd agus mar sin tha a’ mhòr-chuid fhathast an dùil ri leth-bhreith nuair a tha iad a’ cleachdadh seirbheisean poblach.

Tha na 18 miosan a tha romhainn tha Stonewall ag ràdh gum bi iad a’ coiteachadh na Pàrlamaid gus dèanamh cinnteach gum bi am bile cho farsaing ’s a ’s urrainn dha bhith gus seirbheisean nas fhèarr chruthachadh dhan 3.6 millean co-sheòrsaich a tha a’ fuireach ann am Breatainn.

Growing Generations

Tha fireannaich HIV+ anns na Stàitean Aonaichte a’ cur dòchas ann a’ bhuidheann Growing Generations a tha ag ràdh gum faod iad a bhith nam parantan.

Tha am buidheann ag ràdh gu bheil an teicneòlas againn a-nis airson sìol-ginidh a chur gu deuchainn airson HIV agus gum faod iad surrogates agus donor eggs a chleachdadh gus teaghlaichean bith-eòlasach a thoirt do dh’fhireannaich HIV+.

“Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil saidheans agus an lagh a’ tighinn ri chèile gus freagairt reusanta agus sàbhailte dhan chuspair seo ruigsinn,” ars Gail Taylor, Ceann-suidhe Growing Genereations.

Gu ruige seo tha Growing Generations ag obair còmhla ri còignear aig a bheil HIV agus tha iad an dùil ri barrachd fhad ’s a tha daoine a’ fàs eòlach air an t-seirbheis.

Iris Pride London

Tha Pride London air iris ùr fhoillseachadh an còis an càismeachd fhèin leis an dùil barrachd daoine gan tarraing ris an tachartas am-bliadhna.

Thuirt Emma Hands, Iar-chathraiche Pride London, gu bheil an iris uabhasach cudromach dhan bhuidheann.

“Tha i a’ solarachadh teachd-a-steach luachmhor dhan charthannas againn le bhith a’ reic sanasan, ach a bharrachd air seo tha i a’ toirt cothrom dhuinn ar obair brosnachadh agus soillseachadh.”

Thèid an iris sgaoileadh saor an-asgaidh ann an bàraichean, clubaichean, bùthan agus leabharlannan ann an Lunnainn.

George Takei Chicago Pride 2006

Tha George Takei air fhoillseachadh air an làrach-lìn aige gu bheil e an dùil a chompanach, Brad Altman, phòsadh.

Tha iad nam measg iomadach càraidean LGBT, a leithid Ellen DeGeneres agus Portia de Rossi a tha airson pòsadh an dèidh dhan Àrd-chùirt pòsaidhean LGBT a dhèanamh làghail anns an stàit.

Tha Takei gu math ainmeil airson Hikaru Sulu a chuich ann an Star Trek agus airson Kaito Nakamura a chluich ann an Heroes. Tha e cuideachd na gnìomhaiche a tha an sàs ann agus ag obair airson iomadach buidhneann LGBT.

Sgrìobh Takei air an làrach-lìn aige gu bheil iad air a bhith a’ falbh le chèile o chionn 21 bliadhna agus iad uabhasach toilichte gu bheil iad gu bhith “pòsta agus nan luchd-àiteachaidh co-ionann nar stàit.”

Pàrlamaid

Tha Taigh nam Morairean air the Criminal Justice and Immigration Bill a dhèanamh a’ ciallachadh gum bi eucoirean gràineil an-aghaidh luchd-LGBT air sgàth ’s an taobhadh aca a-thaobh feise mì-laghail.

A dh’aindeoin seo tha fhathast atharrachaidhean anns a’ bhile a tha a’ dìon eucoraich air sgàth ’s saorsa labhairt neo an creideamh aca.

Tha na Tòraidhean air a bhith a’ cur cudrom air cùlaibh na h-atharrachaidhean seo, agus tha cuid dhiubh a leihid Lord Tebbit air a bhith an còmhnaidh an-aghaidh còraichean LGBT.

Thuirt Ben Summerskill, Àrd-ofigear Stonewall gu bheil an lagh ùr na cheum mhòr airson co-ionannachd laghail ach gun robh uallach air gu bheil tòrr luchd-poileataigs fhathast an-aghaidh co-ionannachd.

Twitter & Pownce


May 9th, 2008

Ma tha sibh airson fios fhaighinn nuair a tha sgeulachdan ùr againn carson nach tadhal sibh air Twitter neo Pownce far am bidh na cinn-naidheachd as ùire a’ nochdadh.

Naidheachdan Pinc air Twitter

Naidheachdan Pinc air Pownce

B’ ann air an 6mh den Chèitean 1868 a thàinig am facal “homosexuality” gu bith.

Ro seo cha robh ach beagan faclan neo-phàirteach ann airson tuairisgeul a thoirt air tarraing co-sheòrsachd. Bha faclan a leithid bugger, molly, sodomite neo pederast cumanta ach aig àm nuair a bha luchd-tagraidh a’ bruidhinn a-mach airson còraichean LGBT bha feum aca air faclan ùr a chruthachadh.

B’ e Karl Heinrich Ulrichs a’ chiad daoine a chur facal air tarraing co-sheòrsach. Mhìnich Ulrichs mar seo e:

Urning: “male bodies person with a female psyche” aig a bheil tarraing gu fireannaich eile.

Urningin: “female bodied person with a male psyche” aig a bheil tarraing gu boireannaich eile.

Urninthum: a’ ciallachadh co-sheòrsachd neo homosexuality anns a’ Bheurla.

Karl-Maria Kertbeny

Ach ann an 1868 chruthaich facal ùr air a shon, Homosexualität bhon facal Greugach homo- (same) agus am facal Laideannach sexualis (sex). Chleachd Kertbeny am facal seo airson a’ chiad tùras ann an litir a chur e gu Ulrichs an 6mh den Chèitean 1868 agus mean air mhean thòisich barrachd ’s barrachd daoine anns a’ Ghearmailt ga chleachdadh.

Litir bho Kertbeny gu Ulrichs

Dh’fhàs am facal homosexual nas cumanta anns a’ Bheurla an dèidh 1895 nuair a rinn Charles Gilbert Chaddock eadar-theangachadh dhen leabhar Psychopathia Sexualis agus nuair a thòisich Sigmund Freud ga chleachdadh anns na leabhraichean agus anns na h-òraidean aige.

Ach gu ìre mhòr cha robh am facal homosexual stèidhichte gu ruige na 1930′an nuair a thòisich a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh homosexual, heterosexual agus bisexual.

Bhàsaich Kertbeny ann an 1882 air sgàth ’s stròc agus chaidh ga thoidhlacadh ann an Kerespi Cemetry ann am Budapest. Ann an 2002 chur an coimhearsnachd LGBT leac ùr air an uaigh aige agus bidh iad a-nis a’ cur blàth-fhleasg ùr air a h-uile tùras ’s a bhios fèis LGBT ann am Budapest.

Uaigh Kertbeny ann am Budapest

Na h-Eileanan Cayman

Tha co-ghnèitheach air a bhith ga chur an grèim anns na h-Eileanan Cayman airson pòg a thoirt dhan companach aige fhad ’s a bha iad air saor-làithean anns a’ Chairibìan.

Chaidh casaidean a dhèanamh an aghaidh Aaron Chandler agus an companach aige le daoine eile a bha a’ fuireach aig Royal Palms Resort. Thug neach-poilis rabhadh dhaibh nach bu chòir dhaibh pòg gu poblach agus nuair a phòg iad ann an club an oidhche sin chaidh Mgr Chandler ga chur an grèim.

Tha an sgeulachd seo air a bhith gu math connspaideach air sgàth ’s gu bheil na h-Eileanan Cayman na coloinidh Bhreatainneach far a bheil co-sheòrsachd laghail.

Chaidh co-sheòrsach a dhèanamh laghail anns na h-Eileanan Cayman ann an 2000 ach tha fhathast laghan ann a tha a’ cur bacadh air co-sheòrsaich a’ taisbeanach an gaol aca gu poblach gu h-àraidh ma tha iad a’ cur dragh air daoin eile.

An t-Eilean Lesbos

Tha triùir anns an Eilean Lesbos, a’ Ghrèig, a’ toirt buidheann LGBT gu lagh air sgàth ’s gu bheil iad a’ cleachdadh am facal leasbach anns an ainm aca.

Tha iad ag ràdh gu bheil ainm a’ bhuidheann Homosexual and lesbian community of Greece a’ dèanamh oilbheum dhaibh air sgàth ’s gu bheil am facal Leasbach a’ ciallachadh cuideigin às an Eilean Lesbos.

“Chan urrainn do mo phiuthar ag ràdh gur e Leasbach a th’ innte,” arsa Dimitris Lambrou. “Tha an fèin-aithne againn air a bhith a’ gabhail bhuainn gu choir le boireannaich aig nach eil ceanglaichean ris an Eilean Lesbos.”

“Chan e gnìomh ionnsaigheach an-aghaidh leasbaich a th’ ann,” ars e. “Faodaidh iad tighinn gu Lesbos, pòsadh neo rud sam bith a thogras iad a dhèanamh. Ach tha sinn airson am facal leasbach a chur às dhan ainm aca.”

Proudly powered by WordPress. Theme developed with WordPress Theme Generator.
Copyright © Naidheachdan Pinc. All rights reserved.