Mar 2 2009

‘Firinn is Feise’ air BBC iPlayer

Firinn is Feise

‘S e film aithriseach a th’ ann an Firinn is Feise a tha a’ toirt iomradh air sgeulachdan pearsanta bhon Ghàidhealtachd air an còmhstri eadar gnè feise is creideamh spioradail. Tha e ri fhaicinn air BBC iPlayer an-dràsta aig http://www.bbc.co.uk/iplayer/episode/b00g2j55/Firinn_is_Feise/.


Jan 28 2009

Ionnsachadh na Gàidhlig

Tha mi air pròiseact ùr a thòiseachadh aig Learning Gaelic far am bi mi a’ cur òraid ùr gach seachdain. Cuideachd bidh facal ùr ri ionnsachadh gach latha air Twitter aig Facal an Latha. Bu toigh leam podcast a dhèanamh cuideachd a bhios a’ dol còmhla leis na h-òraidean, ach chì mi ma bhios ùine agam sin a dhèanamh.


Jan 22 2009

Tesco eile a’ tighinn a dh’Inbhir Nis

Tha Tesco ag ràdh gun lean iad orra lem planaichean airson bùth mhòr eile a thogail ann an Inbhir Nis, as dèidh do chomataidh dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt seachad. Tha trì bùthan mòr aig Tesco ann an Inbhir Nis mar-thà agus tha dragh air an fheadhainn a tha na aghaidh gum bi e ro mhòr airson sgìre Taobh Nis anns a’ bhaile.

Chan ann tric a bhios mi ann an Inbhir Nis, agus chan eil ach aon Tesco ann an Inbhir Pheofharain, ach tha mi air fhaicinn na tha sin air a dhèanamh dhan prìomh sràid sa bhaile. Bidh mi a’ dol air ais gu Inbhir Pheofharain gach mìos agus bidh bùth eile ann a tha air dùnadh cha mhòr ach a h-uile mìos. Tha am prìomh sràid a-nis marbh, gu h-àraidh an-dràsta nuair a tha Woolies air dùnadh agus nuair a tha an comhairle air Traffic Warden ùr fhaighinn gus bacadh a chur air daoine a dràibheadh dha na bùithtean. Chan eil mòran ri fhaicinn a-nis ach gruagairean, takeaways agus bùithtean dùinte.

A bheil sibh dhen bheachd gu bheil Inbhir Nis feumach air Tesco eile? A bheil Inbhir Nis mòr gu leòr airson eisimpleir Inbhir Pheofharain a sheachnadh?


Nov 29 2008

Ath-dhealbhadh

Tha mi air a bhith ag obair gu cruaidh air na làraichean-lìn agam ath-dhealbhadh agus tha mi gu bhith deiseil a dh’aithghearr. Tha mi air an aon coltas a chur air an làrach Gàidhlig, an làrach Beurla, mo bhlòg agus Naidheachdan Pinc gus am bi iad uile ag obair ri chèile agus tha mi gu math toilichte leotha.

Tha ceither diofar dreachan de Wordpress a’ ruith nan làraichean-lìn. Mar as àbhaist air blòg Wordpress bithear a’ faicinn tiotalan nan teachdaireachdan as ùire air aon taobh dhen dhuilleag. Bu tòigh leam na teachdaireachdan a sgrìobh mi an-seo fhaicinn air gach làrach-lìn, ach chan eil fhios agam ciamar a ’s urrainn dhomh sin a dhèanamh? A bheil fios aig duine sam bith ma tha Wordpress comasach air seo a dhèanamh?


Oct 2 2008

Naidheachdan Pinc

Tha an làrach-lìn ùr aig Naidheachdan Pinc beò a-nis, faodaidh sibh tadhal air aig http://naidheachdanpinc.co.uk/ agus ur beachd a thoirt anns an fhòram ùr againn.

Naidheachdan Pinc

Tha new Naidheachdan Pinc site is now live. You can visit it at http://naidheachdanpinc.co.uk/ and why not leave a comment in our new forum.


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes