Is fhada o nach fhaca mi sibh

Is fhada o nach fhaca mi sibh, nach e?

Ach ged nach eil mi air a bhith a’ sgrìobhadh an seo tha mi air a bhith gu math trang ag obair air Naidheachdan Pinc, an làrach-lìn aig mi fhìn agus Eli Dhomhnallach far a bheil sinn a’ foillseachadh naidheachdan LGBT anns a’ Ghàidhlig.

‘S e àm nam measaidhean aig SMO an-dràsta agus tha dà thaisbeanadh agam ri dhèanamh fear airson Feallsanachd Eòrpach air Friedrich Nietzsche agus fear eile airson Leasachaidhean Ùra air IACS. A bharrachd air seo tha aiste agam ri dhèanamh airson Feallsanachd Eòrpach agus airson Nàiseantachd agus Fèin-aithneachadh air IACS agus tha eadar-theangachadh beò agam ri dhèanamh airson Gàidhlig 3. Agus bidh na deuchainnean againn an ath-mhìos.

Tha cuid dhiunn a’ beachdachadh air an ceathramh bliadhna a dhèanamh cuideachd. ‘S e seo BA le urram ann an Gàidhlig ’s Leasachdh agus bidh cothrom againn a dhol gu Canada (Oilthigh Ceap Breatainn, Sydney neo Oilthigh St Francis Xavier, Antigonish, Alba Nuadh) neo Èirinn (Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, Maynooth, Baile Ath Cliath). Tha mi a’ smaointinn gun tèid mi gu Èirinn ach chan eil mi cinnteach fhathast.


Leave a Reply

Spam Protection by WP-SpamFree

Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes