Mar
12
2009
Droch-naidheachd san Gàidheal Ùr an-diugh:
Gu mì-fhortanach tha a h-uile coltas ann gur e seo An Gàidheal Ùr mu dheireadh. Tha e air a bhith ro dhuilich maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus chan eil an taic sin idir coileanta gu leòr airson seirbheis cheart a chumail a’ dol — gun luaidh air am pàipear a leudachadh agus a leasachadh, rud a bu chòir a bhith san amharc fad na hùine.
Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith air leth duilich agus tha am Bòrd fiù ‘s air gearradh air ais air an taic a dh’aontaich iad aig toiseach na bliadhna ionmhais, sa Mhàrt an-uiridh.
Chan eil e an urra rinne suidheachadh a’ Bhùird a mhìneachadh, ach tha iad ag ràdh gu bheil e duilich dhaibhsan, a thaobh riaghailtean, a bhith a’ dèiligeadh ri companaidh neo eisimeileach, rud a th’ anns A’ Ghàidheal Ùr an-diugh, an dèidh dhuinn an dearbh cheum a ghabhail le taic agus làn-aonta a’ Bhùird.
Tha planaichean aig a’ Bhòrd a thaobh iris Ghàidhlig fhoillseachadh agus ma tha duine sam bith airson fiosrachadh fhaighinn air sin bu chòir dhaibh fios a chur thuca fhèin.
Tha e tàmailteach gum feumar an ceum seo a ghabhail oir ’s ioma leasachadh a bha san amharc nan ceadaicheadh an taic dhuinn. Ach, le cùisean cho troimhe-chèile agus gun fhios dè bha gu bhith fa-near dhuinn san àm ri teachd — fiù ‘s airson na bliadhna ionmhais a tha a’ tòiseachadh an ceann trì seachdainean — cha robh roghainn ann ach cùl a chur ris airson ar suidheachadh fhèin a dhìon.
Bu mhath leinn taing a thoirt don luchd-leughaidh, do na sgrìobhadairean agus dhan iomadh neach a thug taic dhuinn thairis air na bliadhnaichean.
‘S e fìor droch-naidheachd a tha seo. Chan urrainn dhomh creidsinn gu bheil BnaG cho deònach £250,000 a chosg air sgudal mar MyGaelic.com agus chan eil iad deònach beagan a bharrachd a thoirt dhan Gàidheal Ùr!
no comments | tags: airgead, An Gàidheal Ùr, BnaG, BnG, Bòrd na Gàidhlig, gàidhlig, naidheachd, pàipear, pàipear-naidheachd | posted in Naidheachdan, a' Ghàidhlig
Jan
28
2009
Tha mi air pròiseact ùr a thòiseachadh aig Learning Gaelic far am bi mi a’ cur òraid ùr gach seachdain. Cuideachd bidh facal ùr ri ionnsachadh gach latha air Twitter aig Facal an Latha. Bu toigh leam podcast a dhèanamh cuideachd a bhios a’ dol còmhla leis na h-òraidean, ach chì mi ma bhios ùine agam sin a dhèanamh.
no comments | tags: blòg, Facal an Latha, Gaelic, gàidhlig, Ionnsachadh na Gàidhlig, Learning Gaelic, òraid, òraidean, podcast, podcastan, pròiseact, twitter, Word of the Day, Wordpress | posted in Naidheachdan, a' Ghàidhlig, an t-Eadar-lìon
Nov
29
2008
Tha mi air a bhith ag obair gu cruaidh air na làraichean-lìn agam ath-dhealbhadh agus tha mi gu bhith deiseil a dh’aithghearr. Tha mi air an aon coltas a chur air an làrach Gàidhlig, an làrach Beurla, mo bhlòg agus Naidheachdan Pinc gus am bi iad uile ag obair ri chèile agus tha mi gu math toilichte leotha.
Tha ceither diofar dreachan de Wordpress a’ ruith nan làraichean-lìn. Mar as àbhaist air blòg Wordpress bithear a’ faicinn tiotalan nan teachdaireachdan as ùire air aon taobh dhen dhuilleag. Bu tòigh leam na teachdaireachdan a sgrìobh mi an-seo fhaicinn air gach làrach-lìn, ach chan eil fhios agam ciamar a ’s urrainn dhomh sin a dhèanamh? A bheil fios aig duine sam bith ma tha Wordpress comasach air seo a dhèanamh?
no comments | tags: beurla, blòg, gàidhlig, làrach-lìn, làraichean-lìn, naidheachda, naidheachdan pinc, obair, Wordpress | posted in Pearsnanta/Teaghlach, an t-Eadar-lìon
Sep
13
2008
Tha mi air mo Cheum BA fhaighinn ann an Gàidhlig agus Iomall a’ Chuain Siar agus tha mi gu bhith a’ tòiseachadh Ceum BA (le Urraim) ann an Gàidhlig agus Leasachadh an ath-sheachdain ach cha bhi mi a’ dol air ais dhan t-Sabhal. Bidh mi a’ gluasad gu Èirinn Diciadain gus ’semester’ a dhèanamh aig Ollscoil na hÉireann, Má Nuad (Oilthigh Nàiseanta na h-Èirinn Maigh Nuad) agus bidh mi air ais aig an t-Sabhal airson an dàrna ’semester’.
no comments | tags: an t-sabhal, ceum, chuain, cuain, éireann, Èirinn, gàidhlig, IACS, iomall, leasachadh, má nuad, maigh nuad, mòr, nàiseanta, oilthigh, Oilthigh Nàiseanta na h-Èireann, ollscoill, ostaig, sabhal, siar, urraim | posted in Pearsnanta/Teaghlach
May
27
2008
Farpais Òrain Roinneil Mhion-chànain
21 Óg-mhìos 2008
Taigh-cluiche Eden Court
Inbhir Nis, Alba
Thèid co-fharpais chudromach a chur air bhog an seachdain seo, a’ comharrachadh òrain bho choimhearsnachdan mhion-chànain Ceilteach agus Albais.
Tha ‘Nòs Ùr’ an dùil air òrain a chuir a-steach sa Ghàidhlig, Albais, Ulaidh Albais, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Cuimreach, Còrnach agus Breaton. Thèid an neach-buannachaidh troimhe gu farpais dheireannach Liet Lavlut Eòrpach ann an Lulea , An t-Suain san Dàmhair am bhliadhnasa.
15 Giblean 2008: Tha luchd cuairt-dheireanach taghte! Seall air duilleag Press & PR airson tuilleadh fiosrachadh.
Tadhail air 2008 Artistes page airson fhaighinn a-mach tuilleadh mun luchd-ealainn aca.
Nòs Ùr 2008 Finalists…
Aled Myrddin. Language: Welsh. Song: Atgofion (Memories)
Davie Tait. Language: Scots. Song: The Day that Dodi and Di Died
Fiona Mackenzie. Language: Scots Gaelic. Song: Guthan air a’ ghaoith (Voices on the wind)
Gareth Bonello. Language: Welsh. Song: Dawel Disgyn (Quietly Falling)
Gillebride MacMillan. Language: Scots Gaelic. Song: Dìleab (Legacy)
Gwennyn Louarn. Language: Breton. Song: Bugale Belfast (Children of Belfast)
Lleuwen Steffan. Language: Welsh. Song: Bore Sadwrn (Saturday Morning)
Oi Polloi. Language: Scots Gaelic. Song: Tha Sinn air ais (We’re Back)
Paula Kehoe. Language: Irish. Song: Taibhsí (Ghosts)
Phamie Gow. Language: Scots Gaelic. Song: Bu Tusa An Gaol a Bh’air M’aire (You Were the Love on My Mind)
Yr Annioddefol. Language: Welsh. Song: Drysu (Confusion)
Yucatan. Language: Welsh. Song: A Oes Ymateb? (Is there a Response)
no comments | tags: Albais, An t-Suain, Breaton òran, Ceòl, Còrnach, Cuimreach, Cuirt Eden, Eden Court, farpais, gàidhlig, Gàidhlig Èireannach, Gàidhlig Mhanainneach, Inbhir Nis, Liet Lavlut Eòrpach, Lulea, mìon-chànain, nòs, nòs ùr, òg-mhìos, òrain, roinneil, taigh-cluiche, Ulaidh Albais, ùr | posted in Ceòl, Naidheachdan, Tachartasan, a' Ghàidhlig