Jan 22 2009

Tesco eile a’ tighinn a dh’Inbhir Nis

Tha Tesco ag ràdh gun lean iad orra lem planaichean airson bùth mhòr eile a thogail ann an Inbhir Nis, as dèidh do chomataidh dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd cead a thoirt seachad. Tha trì bùthan mòr aig Tesco ann an Inbhir Nis mar-thà agus tha dragh air an fheadhainn a tha na aghaidh gum bi e ro mhòr airson sgìre Taobh Nis anns a’ bhaile.

Chan ann tric a bhios mi ann an Inbhir Nis, agus chan eil ach aon Tesco ann an Inbhir Pheofharain, ach tha mi air fhaicinn na tha sin air a dhèanamh dhan prìomh sràid sa bhaile. Bidh mi a’ dol air ais gu Inbhir Pheofharain gach mìos agus bidh bùth eile ann a tha air dùnadh cha mhòr ach a h-uile mìos. Tha am prìomh sràid a-nis marbh, gu h-àraidh an-dràsta nuair a tha Woolies air dùnadh agus nuair a tha an comhairle air Traffic Warden ùr fhaighinn gus bacadh a chur air daoine a dràibheadh dha na bùithtean. Chan eil mòran ri fhaicinn a-nis ach gruagairean, takeaways agus bùithtean dùinte.

A bheil sibh dhen bheachd gu bheil Inbhir Nis feumach air Tesco eile? A bheil Inbhir Nis mòr gu leòr airson eisimpleir Inbhir Pheofharain a sheachnadh?


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes