Apr 25 2009

Craic – Twitter sa Ghàidhlig!

Tha mi air a bhith ag obair air làrach-lìn ùr Gàidhlig a tha, gu ìre, coltach ri Twitter. ‘S e Craic an t-ainm a th’ air agus faodaidh sibh sùil a thoirt air aig: http://cristean-macmhicheil.co.uk/craic/.

Seo agaibh dealbh dhen làrach-lìn slàn:


Mar 23 2009

AbairThusa: Ùrachadh 23mh & 26mh Màrt

Bidh Ning ag ùrachadh a h-uile lìon-sòisealta 23mh agus 26mh Màrt. Tha sinn an dùil gum bi AbairThusa air loidhne fhad ’s a tha iad ag obair ach mura bhios chì sibh duilleag gleidhidh.

Bidh iad ag obair air coltas AbairThusa a-nochd (23mh). Air sgàth ’s an obair seo ’s dòcha gun tèid do dhuilleag pearsanta atharrachadh cuideachd so cum sùil air na themes. Dealbhan agus barrachd fiosrachaidh @ http://blog.ning.com/2009/03/new-pages-appearance-changes-coming-monday.html

Diciadain thèid an seòmar-còmhraidh ùrachadh a-rithist. Dealbhan agus barrachd fiosrachaidh @ http://blog.ning.com/2009/03/more-chat-improvements-on-the-way-updated.html


Mar 15 2009

@AbairThusa agus @NaidheachdanPnc air Twitter

Twitter

Airson faighinn a-mach na tha a’ dol thall aig AbairThusa, faodaidh sibh @AbairThusa leantainn air Twitter a-nis! A bharrachd air seo faodaidh sibh @NaidheachdanPnc leantainn airson cumail suas leis na tha a’ dol air Naidheachdan Pinc.

Agus fhad ’s a tha mi an-seo, faodaidh sibh gam leantainn fhèin aig @ruighean neo faodaidh sibh @facalanlatha a’ leantainn airson ionnsachadh am facal ùr Gàidhlig a chuireas Learning Gaelic suas gach leth as lèth gOnline.


Mar 12 2009

An Gàidheal Ùr a’ dol a-mach à bith le dìth-taic bho BnaG

Droch-naidheachd san Gàidheal Ùr an-diugh:

Gu mì-fhortanach tha a h-uile coltas ann gur e seo An Gàidheal Ùr mu dheireadh. Tha e air a bhith ro dhuilich maoineachadh fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig agus chan eil an taic sin idir coileanta gu leòr airson seirbheis cheart a chumail a’ dol — gun luaidh air am pàipear a leudachadh agus a leasachadh, rud a bu chòir a bhith san amharc fad na hùine.

Tha a’ bhliadhna a dh’fhalbh air a bhith air leth duilich agus tha am Bòrd fiù ‘s air gearradh air ais air an taic a dh’aontaich iad aig toiseach na bliadhna ionmhais, sa Mhàrt an-uiridh.

Chan eil e an urra rinne suidheachadh a’ Bhùird a mhìneachadh, ach tha iad ag ràdh gu bheil e duilich dhaibhsan, a thaobh riaghailtean, a bhith a’ dèiligeadh ri companaidh neo eisimeileach, rud a th’ anns A’ Ghàidheal Ùr an-diugh, an dèidh dhuinn an dearbh cheum a ghabhail le taic agus làn-aonta a’ Bhùird.

Tha planaichean aig a’ Bhòrd a thaobh iris Ghàidhlig fhoillseachadh agus ma tha duine sam bith airson fiosrachadh fhaighinn air sin bu chòir dhaibh fios a chur thuca fhèin.

Tha e tàmailteach gum feumar an ceum seo a ghabhail oir ’s ioma leasachadh a bha san amharc nan ceadaicheadh an taic dhuinn. Ach, le cùisean cho troimhe-chèile agus gun fhios dè bha gu bhith fa-near dhuinn san àm ri teachd — fiù ‘s airson na bliadhna ionmhais a tha a’ tòiseachadh an ceann trì seachdainean — cha robh roghainn ann ach cùl a chur ris airson ar suidheachadh fhèin a dhìon.

Bu mhath leinn taing a thoirt don luchd-leughaidh, do na sgrìobhadairean agus dhan iomadh neach a thug taic dhuinn thairis air na bliadhnaichean.

‘S e fìor droch-naidheachd a tha seo. Chan urrainn dhomh creidsinn gu bheil BnaG cho deònach £250,000 a chosg air sgudal mar MyGaelic.com agus chan eil iad deònach beagan a bharrachd a thoirt dhan Gàidheal Ùr!


Mar 9 2009

Lá na Gaeilge ar Twitter

Lá na Gaeilge

Ar Lá ‘le Padraig na bliana seo beidh Gaeilgeoirí ar fud na cruinne ag freagairt na ceiste “cad atá á dhéanamh agat?” ar an láithreán líonraithe sóisialta, Twitter. Seolfar grianghrafanna, ‘tbhaoitfear cúpla focal, agus roinnfear an chraic’. Seo agat Lá Twitter na Gaeilge le haghaidh Seachtain na Gaeilge.

B”fhéidir go bhfuilir ar Twitter cheana féin. Ní gá ach #lnag a chuir i do ghiolc ar an lá más ea. Muna bhfuil – ‘tuige nach dtosnófá? Tar isteach sa Ghioltacht.

Tá chuile eolas ar an leathanach seo: Conas?

Bí linn.

Lá Twitter na Gaeilge shona dhaoibh go léir


Get Adobe Flash playerPlugin by wpburn.com wordpress themes