Fàilte oirbh a chàirdean

Is mise Crìstean MacMhìcheil. Tha mi nam oileanach co-ghnèitheach ag ionnsachadh na Gàidhlig agus na Gaeilge. Chruthaich mi an làrach-lìn seo mar phàirt dhen Cheum BA (le Urram) Gàidhlig agus Leasachadh a tha mi a’ dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig agus Ollscoil na hÉireann Maigh Nuad.

Naidheachdan as ùire – 25/04/2009

Tha mi fhathast ag obair air AbairThusa. Tha an coimhearsnachd air a bhith a’ fàs o chionn goirid agus tha 151 buill againn a-nis! A dh’aindeoin seo bu toigh leam leinn tòrr a bharrachd fhaicinn san àm ri teachd, so carson nach clàraich thu ann?

A bharrachd air AbairThusa, tha mi fhathast ag obair air Naidheachdan Pinc. ‘S e làrach-lìn a tha seo far am faighear naidheachdan LGBT (Leasbach, Co-ghnèitheach, Dà-ghnèitheach & Tar-ghnèitheach) anns a’ Ghàidhlig. Tha mi air an làrach-lìn ùrachadh o chionn goirid agus tha coltas-duileige spàideil againn a-nis.

Cuideachd tha mi air làrach-lìn ùr a chruthachadh a tha, gu ìre, coltach ri Twitter, ach ’s a Ghàidhlig! ‘S e Craic an t-ainm a th’ air agus bidh sinn gu math toilichte gad fhaicinn ann!

Faodaidh thu gam leantainn air Twitter: @ruighean air neo air FriendFeed: ruighean. Agus faodaidh thu @AbairThusa, @NaidheachdanPnc, @FacalAnLatha leantainn air Twitter cuideachd. A bharrachd air sin tha mi air clàr-aithne àraidh a dhèanamh air Twitter: @GaelicTweets far am faigh thu a h-uile Tweet Gàidhlig a tha air Twitter.

Mar as àbhaist faodaidh tu fios a chur thugam le do bheachdan, ghearanan neo do mhòlaidhean.